Naomh Crìstean agus Nibheis

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Saint Kitt and Nevis
Naomh Crìstean agus Nibheis
Flag of Saint Kitts and Nevis.svg
Bratach
[[Faidhle:|75px]]
Lùireach
LocationSaintKittsAndNevis.png
Laoidh Nàiseanta
O Land of Beauty!
Laoidh Rìoghail
God Save the Queen
Sluagh-ghairm nàiseanta
"Country Above Self"
Cànan(an) oifigeil Beurla
Prìomh-bhaile Basseterre
Baile as motha Basseterre
Riaghaltas Monarcachd bhun-reachdail (Deomocrasaidh pàrlamaideach)
Ban-rìgh Ealasaid II
Riaghladair Sir Cuthbert Sebastian
Prìomh-mhinistear Dr. Denzil Douglas
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd bhon Rìoghadh Aonaichte 19mh an t-Sultain 1983
Farsaingeachd
Iomlan 261 km² (207mh)
Àireamh-shluaigh (2005)
Iomlan 42,696 (209mh)
Dlùths 164/km² (64mh)
LTD/CCC (2002)
Iomlan $339 millean (213mh)
gach pearsa $14,649 (47mh)
Roinn tìde (UTC-4)
Ruith-airgid Dolair Chairibianach
Eadar-lìon TLD .kn
Còd Àireamh fòn 1 869

'S e dùthaich eileanach anns an Roinn Charaibeach a tha ann an Naomh Crìstean agus Nibheis neo St. Kitts agus Nevis[1]. Tha dà ainm oifigeal aice anns a’ Bheurla: Federation of Saint Kitts and Nevis agus Federation of Saint Christopher and Nevis [2].

Tha i na laighe anns na Lesser Antilles anns a’ Mhuir Chairibianach. Tha Saint Eustatius, Saba, Saint Barthélemy, agus Saint Martin anns an taobh tuath agus tha Antigua agus Barbuda anns an earra-thuath. Anns an taobh a deas tha na h-eileanan iomalach Redonda agus Montserrat.

Tha dà eilean anns an dùthaich seo, an t-eilean nas motha: Naomh Crìstean, agus am fear nas lugha: Nibheis. Tha am prìomh-bhaile na laighe anns an Naomh Crìstean agus tha an riaghaltas stèidhichte an seo cuideachd. Thàinig an t-ainm Naomh Crìstean bho Christopher, (ainm goirid sa Bheurla: Kit, neo Kitt). Chuir Cristoforo Colombo an t-ainm "San Cristóbal" (Spàinntis) ris an eilean seo.

Tha Nibheis na laighe trì cilemeatair san earra-dheas Naomh Crìstean. Thàinig an t-ainm aca bho "Nuestra Señora de las Nieves" (Spàinntis).

'S e an dùthaich as lugha anns na h-Aimearagan a tha anns an Naomh Crìstean agus Nibheis a-rèir farsaingeachd agus àireamh-shluaigh.


Oirthir an eilein Naomh Crìstean. ‘S e Nibheis air an làimh clì.

Iomradh[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. Tha an dà ainm anns a' bhun-stèidh Naomh Crìstean agus Nibheis .