Agrado

O Uicipeid
Agrado
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Huila
Àirde 907m
Teòthachd chuibheasach 24˚
Co-chomharran 02º 15' 30' Tuath
75º 47' 21' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 22 km²
Àireamh-shluaigh 8,489 (2005)
Dlùths 385.86/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag ann an Huila,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Agrado neo El Agrado. Tha e suidhichte 135km air falbh bho Neiva, prìomh-bhaile na roinne, shuas anns na h-Andes. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann le teodhachd mheadhanach dhe 24˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1837.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Chimbayaco agus an uair sin Pitalito na h-ainmean an robh air an àite seo bho thùs. Bha Pitaló na cheann-feadhna anns an sgìre seo nuair a ràinig na Spàinntich. 'S e meanbhair a th'ann -ito,[3] dìreach mar -ag anns a' Ghàidhlig. 'S ann às a' Bhaile El Pital a thàinig na ciad tìrichean. Chaidh an t-ainm a dh’ atharrachadh gu Agrado ann an 1837. Tha agrado a' ciallachadh caillear ann an Spàinntis. Chuir iad an t-ainm sin air a' bhaile o chionns gur e àite breàgha torach a th'ann, le aithnichean làn fìor uisge mu a thimcheall.[4]

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 8,489 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 3,903 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Agrado (is mòran dhuibh mestizos). Tha 0.2% dhe Tùsanaich agus 0.1 % dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 84,8% dhe na daoine ann an Agrado leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 16% dhe na dachannan.[7]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Agrado. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

José María Rojas Garrido (1824 - 1883): Ceann-suidhe na dùthcha ann an 1866.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Riaghaltas na Roinne: Bailtean
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Spanish About.com
  4. Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Colombia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Agrado

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: