Adam Smith

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Adam Smith

B' e feallsanaiche Albannach a bh'ann an Adam Smith, (neo Adhamh Mac a' Ghobhainn, 1723 - 17 an t-Iuchar 1790).

Bha easan h-Ollamh de Feallsanachd Moralta aig Oilthigh Glaschu bho 1752 gu 1763. Bha ùidh mòr aige ann an nàdar an duine - carson a bhitheadh daoine a' faireachdainn gu bheil feadhainn de rudan dona, no olc, agus feadhainn eile math. Bha e a' smaointinn gun robh co-thruas gu math cudthromach ann an lagh nam beus. Sgrìobh e leabhar don ainm 'The Theory of Moral Sentiments' a chaidh air foillseachadh ann an 1759.

Eadar 1763 agus 1766 bha e na tutor do Diuc og Bhuccleugh, air cuairt móɼ na h-Eorpa. Is beag an teagamh nach do steidhich e sgoil-eaconomais ann an 1776 nuair a fhoillsich e a mhor-tractas air "Saoibhreas nan Naisiun" - Mar sin, 's e 'The Father of Modern Economics' a bhios daoine a' cantainn ris.

Bu choir dhuinn aithneachadh co-dhiu gu robh 'An Inquiry into the Nature and Causes of the Wealth of Nations' no direach 'Wealth of Nations' steidhichte air ceist moralta. Anns an leabhar chuir esan an ceist, 'Dé is urrainn do dhuine a dhèanamh a tha is fhearr airson an dùthaich aige?' Thanaig e dhan cho-dhunadh: Nan deanadh a h-uile duine an rud a b'fheàrr dhaibh fhèin gun dèanadh an dùthaich nas fheàrr. 'S e seo an seòrsa smaoineachaidh ris an canar a tha Libearalach.

Bha ceangail eadar Smith agus feallsanaiche Albannach ainmeil eile mar David Hume.

[deasaich] Aistean co-cheangailte

Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile