Örebro
Örebro
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Örebro län | ||||
Sgìre | Närke | ||||
Co-chomharran | 59° 16 26′ Tuath 15° 12 48′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 42.96 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 107,038 (2015) | ||||
Dlùths | 2,491.57/km² | ||||
Àireamh fòn | (+46) 19 | ||||
Duilleag oifigeil | http://orebro.se/ |
‘S e baile mòr agus sgìre-riaghlaidh ann an ceann a deas na Suaine a th’ ann an Örebro (IPA: œrɛˈbru). Tha e suidhichte faisg air Eskilstuna aig inbhir na h-Aibhne Svartån le Loch Hjalmar,[1] anns an sgìre Örebro län, 152km air falbh bho Uppsala agus 159km bho Ghöteborg.[2] Tha 107,038 duine a' fuireach ann.[3]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à ör (eilean) agus am facal bro (drochaid) a tha an t-ainm.[4] Bheireadh sin Drochaid an Eilein dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis a' Bheurla bridge agus a' Ghearmailtis brücke a th' ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1404, nuair a fhuair e a chuid chòirichean mar bhaile a thaobh chìsean, malairt agus margaidh a chumail. Chaidh Oilthigh Örebro a stèidheachadh an seo ann an 1977.[5]