Ziortza-Bolibar
Coltas
Ziortza-Bolibar
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 43° 14 42' Tuath 02° 33 21' Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 18.50 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 408 (2010) | ||||
| Dlùths | 22.05/km² | ||||
| Àireamh fòn | + 34 946 | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil | ||||
‘S e clachan beag ann an ceann a tuath na Spàinne a th’ ann Ziortza-Bolibar.[1] Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1051[2] agus tha an t-ainm a’ ciallachadh Srath na Muilne ann am Basgais, bho bolu (muileann) agus ibar (srath). Tha Ziortza-Bolibar suidhichte aig 162m os cionn ìre na mara. Tha Ziortza-Bolibar 336km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 45km bho Bhilbao, am baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach[3] Tha dìreach 408 daoine a’ fuireach ann an Ziortza-Bolibar,[4] Tha Spàinntis agus Basgais gam bruidhinn ann an Ziortza-Bolibar.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Simón Bolívar: a rugadh ann an Caracas ach a bha na sinnsearan aige a’ buntainn do Ziortza-Bolibar, is fhuair iad an sloinneadh aca bho ainm a’ bhaile.