Jump to content

Windows in the West

O Uicipeid

Se Windows in the West dath-uisge leis an ealantair Albannach Avril Paton. O thùs, chaidh a thaisbeanadh anns an Glasgow Gallery of Modern Art agus nise tha e anns an Taigh-tasgaidh Kelvingrove.

Chaidh a dhealbhadh ann an 1993, agus se cuspair an deilbh, teanamant anns a' gheamhradh ann an Ceann Siar Ghlaschu. Chìthear na còmhnaichean taobh a-staigh an togalaich an sàs ann an caochladh gnìomhan.

Tha lethbhreacan an deilbh gu math mòr-thaitneach agus tha i air nochdadh air liosta nan dealbh as fheàrr leis an t-sluagh Albannach.

Sgrìobh am bàrd Edwin Morgan dàn a bha brosnaichte leis an dealbh, agus bha an stiùireadair-fiolm Danny Boyle cho uasal às gun do nochd i ann an Trainspotting 2.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Classic Scots painting gets new lease of life in T2 Trainspotting, The Scotsman, 30mh Am Faoilteach 2017