William Adamson

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
William Adamson
Cropped photograph of William Adamson.jpg
Ball de Chomhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte


Member of the 30th Parliament of the United Kingdom Translate

3 dhen Dùbhlachd 1910 - 25 dhen t-Samhain 1918
Sgìre: West Fife Translate
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, Dùbhlachd 1910
Member of the 31st Parliament of the United Kingdom Translate

14 dhen Dùbhlachd 1918 - 26 dhen Dàmhair 1922
Sgìre: West Fife Translate
Taghadh: 1918 United Kingdom general election Translate
Member of the 32nd Parliament of the United Kingdom Translate

15 dhen t-Samhain 1922 - 16 dhen t-Samhain 1923
Sgìre: West Fife Translate
Taghadh: 1922 United Kingdom general election Translate
Member of the 33rd Parliament of the United Kingdom Translate

6 dhen Dùbhlachd 1923 - 9 dhen Dàmhair 1924
Sgìre: West Fife Translate
Taghadh: 1923 United Kingdom general election Translate
Member of the 34th Parliament of the United Kingdom Translate

29 dhen Dàmhair 1924 - 10 dhen Chèitean 1929
Sgìre: West Fife Translate
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 1924
Member of the 35th Parliament of the United Kingdom Translate

30 dhen Chèitean 1929 - 7 dhen Dàmhair 1931
Sgìre: West Fife Translate
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 1929
Rùnaire Stàite na h-Alba

7 dhen Ògmhios 1929 - 24 dhen Lùnastal 1931
Sir John Gilmour, 2nd Baronet Translate - Archibald Sinclair, 1st Viscount Thurso Translate
Beatha
Breith Dùn Phàrlain, 2 dhen Ghiblean 1863
Dùthaich  Alba
Bàs 23 dhen Ghearran 1936
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus ball aonaidh-chiùird
Àitichean-obrach Lunnainn
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Làbarach

B' e neach-poileataigs à Fìobha a bha ann an William Adamson. Bha e ainmeil air sgàth 's gun deach e na cheannard a' Phàrtaidh Làbarach agus na Rùnaire Stàite na h-Alba fo Ramsay MacDonald.

Rugadh e anns a' Choille Beithe faisg air Dùn Phàrlain. Nuair cha robh e ach 11 bliadhna a dh'aois chaochail athair is thòisich e ag obair anns na mèinnean. Stèidhich e sgoil-Shàbaid, comann co-leasachaidh agus eaglais chloinne anns a' bhaile is riochdaich e a' Choille Beithe agus Suidhe an Rìgh air Bòrd Comann nam Mèinneadair Fhìobha, Cheann Rois agus Clach Mhanainn. Dh'imrich e do Dhùn Phàrlain agus chaidh e na chomhairliche ann an 1905. Sheas e mar thagraiche Làbarach ann am Fìobha an Iar sam Faoilleach 1910 is bhuannaich e an seat ann an Dùbhlachd 1910. Chùm e e gu ruige 1931 nuair a chaill e e do William Gallacher.

Bha e na cheannard a' Phàrtaidh Làbarach eadar 1917 is 1921, agus chaidh e na Rùnaire na h-Alba anns a' riaghaltas Ramsay MacDonald ann an 1924 agus na Rùnaire Stàite na h-Alba eadar 1929 is 1931. Chaochail a bhean Christina ann an 1935. Sheas e a-rithist airson Fìobha an Iar an aghaidh Gallacher ann an 1935 ach chaill e a-rithist. Dh'fhàs e tinn agus bhàsaich e 23 Gearran 1936 le pliùras agus leis am fiabhras-clèibhe.[1]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Robertson, George (2009): “The Rt. Hon. WILLIAM ADAMSON, P.C., M.P.”. Comann Eachdraidheil Dhùn Phàrlain. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2019.