Jump to content

Cleachdaiche:Am Fiosaigear

O Uicipeid

Aiste air Matamataig

[deasaich | deasaich an tùs]

Is obair math a rinn thu air matamataig o chionn ghoirid

Ach saoil, a bheil an dealbh aig ceann an alt gu feum? (tha fios a'am gu bheil e air a bhi an sin greis) ach feumaidh mi radh nach eil fhios agam gu dé a tha e a' ciallachadh!


Mòran taing airson do bheachdan coibhneil. ’S e Argand-diagram a th’ anns an dealbh ud agus e a’ sealltainn àireamh cho-fhillte ’s na co-chuing aice. Ach tha mi a’ dol leat nach eil ceangail dlùth (no idir!) eadar e-fhèin agus teacs’ na h-aiste. Dh’ fhàg mi far an robh e aig an àm chionns nach robh dealbh eile agamsa ach cha bhuair e mi ma thèid a chur às. Tha mi uamhasach duilich nach do fhreagair mi do theachdaireachd fada roimhe seo. Chan eil ach beagan tìde agam gu bhith a’ cluich air Wikipedia ’s tha mi fhathast mo sheòl a dh’ fhaighinn troimhe. Am Fiosaigear 21:04, 20 May 2007 (UTC)


A Fhiosagair choir: Tha mi ag aontachadh leat gu ire mhòr, ach tha teagamhan agam mu deidhinn cuid den briatharachas a tha a' nochdadh. Uaireanan bithidh facal a'coimhead freagarach aig aon ire, ach lorgar nach freagar e gu ire nas puingail. Tha e nadarra a bhruidhinn mu deidhinn puing air loidhne, agus ceum air sgàl. Cleachdar am facal ceum an tomhais de teasad - agus freagaraidh am facal ceum ri roinneadh cearcail anns a h-aon doigh (mar a theid cleachdadh air "degree" anns a Bheurla). Anns an latha an diugh, bithidh sinn gu math tric a' tomhaiseadh cearnan le roinnean deicheamhachd de ° . 27.658° mar eisimplir. De Chànas sinn ri sin? "Fichead 's a' seachd puing sia coig ochd puingean" neo "seachd puing air fhicead puing sia coig ochd" neo "Fichead 's a seachd puing sia coig ochd ceuman" neo Seachd ceum thar fhiceadh puing sia coig ochd? Tha mi a' faireachdainn gur e "aberration" a bha ann a ràdh "puing" ri bogha de 1/90 mh de ceithreamnh chearcaill. Sgriobh thu mu deidhinn an duiligheadas a bha uaireanan a roimhe cleachdadh na Beurla. Bha e nadurrach gu leor a'cleachdadh Laideann, sios dhan 18mh cheud, o chionn 's gu robh Laideann lingua franca na h-eaglaise agus o chionns gu robh oilthighean an latha air a bhi steidhichte leis an eaglais aon rathad neo rathad eile. Chaidh spionnadh mòr air Beurl'-eagair (na Beurla) an luib car a' mhuiltean nan gniomhacas- bha iomadh leasachaidhean teicneòlach a' tarruinn coinceapan ur a-steachd ri sgriobhaidhean air saidheans agus teicneòlas, ach bha greis mus an deach fior daingneachadh air cuid de na facail a tha againn an teicneolas an diugh: m.e. Bha innleadairean Albannach a'cleachdadh am facal "Strain" airson stress (nuair a chuireadh aonad de Ton/sq.in. ris)sios gu na 1890'n.

Ged's a tha corpas de sgriobhaidhean teicneòlachd as Gaidhlig caran tana, tha i ann. Is fhearr leinn a chomharraich cleachdaidhean nan sgriobhadairean sin- mus am bi na sgriobhaidhean aca so-thuigseachd ri oigridh an latha an diugh. 86.145.42.169 00:43, 31 December 2007 (UTC)

Agus leatsa fhein.Innleadair 22:10, 31 December 2007 (UTC)