Jump to content

Uilleam MacBhatair

O Uicipeid
Uilleam MacBhatair
Beatha
Breith Baile Mhuilinn Anndra, 1865
Dùthaich  Alba
Bàs 9 dhen Mhàrt 1948
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain
Oilthigh Oxford
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus neach-teagaisg
Fastaichean Oilthigh Dhùn Èideann

Bha Uilleam MacBhatair (Baile Mhuilinn Anndra, 1865 - 9 am Màrt 1948) no an t-Ollamh William John Watson M.A. LL.D. na shàr-sgoilear agus a' chiad duine a chuir sgrùdadh ainmean àite Albannach air stèidh acadaimeagach. Bha e na thidsear ann a sgoiltean ann an Glaschu, Inbhir Nis agus Dùn Èideann. B' e an uair sin Cathraiche na Ceiltis aig Oilthigh Dùn Èideann a bh' ann bho 1914 gu 1938. B' e a mhac Seumas MacGilleMhìcheil MacBhatair a bha an ath Chathraiche na Ceiltis.

Dh'fhoillsich e leabhraichean air rosg, bàrdachd agus ainmean-àite.

B' e Ollamh nan Cànan Ceilteach aig Oilthigh Dhùn Eideann a bh' ann.[1]

Leabhar-chlàr

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Place-Names of Ross and Cromarty (Inbhir Nis, 1904)
  • Prints of the Past around Inverness (Inbhir Nis, 1909; Darna clò-bhualadh Inbhir Nis, 1925)
  • Rosg Gàidhlig (Inbhir Nis, 1915; Darna clò-bhualadh Glaschu, 1929)
  • Bàrdachd Gàidhlig (Inbhir Nis, 1915)
  • The Picts: their original position in Scotland (Inbhir Nis, 1921)
  • Ross and Cromarty (Cambridge, 1924)
  • The History of the Celtic Place-Names of Scotland (Dun Eideann, 1926)
  • Scottish Verse in the Book of the Dean of Lismore (Dun Eideann, 1937)

Rosg Gàidhlig (1915)

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1915, dh'fhoillsich Watson, le taic An Comunn Gaidhealach, cruinneachadh de dh'earrainnean rosg bho Leabhar Abaid Dhéir gu toiseach an fhicheadamh linn.

'S iad na teacsaichean anns an leabhar:

  • Mac Fhionghain, An t-Ard-Ollamh Domhnall, Seann Sgoil, dd. 1-8
  • Mac Griogair, An t-Urramach Alasdair, Air Cruinn-mheallaibh Soillseach nan Speur, dd. 8-13
  • Mac Leoid, Coinneach, Duatharachd na Mara, dd. 14-32
  • Watson, William J. (am fear-deasachaidh), Ainmean na h-Alba, dd. 33-41
  • Mac Eacharna, Domhnall, Am Fiadh, dd. 42-57
  • MacLaomuinn, An t-Urramach Domhnall, An Duine Caomhail, dd. 58-65
  • MacLaomuinn, An t-Urramach Domhnall, An Duine Saoghalta, dd. 66-71
  • MacLaomuinn, An t-Urramach Domhnall, Anns a' Choille Bheithe, dd. 72-77
  • Gaisgeach na Sgéithe Deirge, dd. 78-98
  • Cuairtear nan Gleann, Iarla Mharr agus Fear na Briagaich, dd. 99-102
  • Cuairtear nan Gleann, Canada Uachdarach, dd. 103-107
  • Cuairtear nan Gleann, New Zealand, dd. 108-110
  • Cuairtear nan Gleann, I Chalum Chille, dd. 111-114
  • Cuairtear nan Gleann, Ailean nan Sop, dd. 115-119
  • Mac Fhionghain, An t-Ard-Ollamh Domhnall, Na Sean-Fhocail, dd. 120-132
  • Fianuis Huisdein Mhic Dhomhnaill, dd. 133-138
  • Códach Lachlainn Mhic Mhuirich, dd. 139-140
  • Kirk, An t-Urramach Raibeart, Do'n Leaghthora, Sìth agus Slàinte, dd. 141-142

Beachdan air sgrìobhadh na Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

Cha do chòrd giorrachaidhean anns a' chànain sgrìobhte ri Watson mura robh iad stèidhichte o chionn ùine mhòr:

'Contracted forms of words - the bane of modern written Gaelic - have been freely extended (...) At present there is a tendency to make the written language reproduce all possible contractions of common speech, and the result is unsightly and often obscure. The sound priniciple is to write each word in full, except in the case of recognised contractions of old standing.' [2]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Watson, W.J. (1915) Rosg Gàidhlig (Inverness: An Comunn Gaidhealach), title page
  2. Watson, W.J. (1915) Rosg Gàidhlig (Inverness: An Comunn Gaidhealach), vii