Uicipeid:Tar-ghabhail

O Uicipeid

'S e a th' ann an Transclusion no tar-ghabhail ach gun dèid susbaint an dàrna sgrìobhainn a ghabhail a-steach san sgrìobhainn eile le taic iomraidh. Ann an tar-ghabhail na Uicipeid, nì bathar-bog MediaWiki iomradh air susbaint na dàrna duilleige, seo teamplaid, ach an dèid a cur ri duilleag eile, siud an duilleag-amais. Coltach ris an dòigh a thèid ainm duilleige sam bith 'na cheangal ma chuireas tu camagan ceàrnagach dùbailte timcheall air (can [[Ainm-duilleige]]), faodaidh ainm duilleige sam bith a' dol 'na theamplaid ma chuireas tu camagan dualach dùbailte timcheall air, can {{Ainm-spàs:Ainm-na-duilleige}}, {{Teamplaid:Ainm-teamplaide|paramadair1=ball-eisimpleir|...}} le paramadairean ris cuideachd, no teamplaid cumanta nan iomraidhean, {{reflist}}. Ma nì thu atharrachadh sam bith air teamplaid, atharraichidh seo duilleag sam bith a tha a' tar-ghabhail na teamplaide sin (ach bi feum air falamhachadh an tasgadain aig amannan).

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mhionaidich air Uicipeid na Beurla.