Truinnsearan deighe

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Truinnsearan deighe

’S e a tha ann an truinnsearan deighe ach cearcallan de dheigh le iomall àrdaichte, coltach ri truinnsear, a gheibhear uaireannan a’ snàmh air uachdar na mara no air uachdar aibhne. Tha iad air an dèanamh bho chop air uachdar na h-aibhne no bho smolasg deighe air uachdar na mara bhith a’ reòthadh còmhla ri chéile ’nan leacan. Tha iad a’ faighinn an cruth cruinn agus an iomallan àrdaichte bho na leacan a bhith a’ sìor bualadh agus a suathadh ri chéile ri linn gluasad uisge na h-aibhne no gluasad nan tonn sa mhuir.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: