Troigh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Is aonad fad seann nòs a tha anns an troigh. Tha i co-ionnan ri 305mm, ach an cainnt àbhaisteach cleachdar am facal "troigh" a chiall fad (neo doimhnead) "mu deidhinn 0.3m".

Anns a h-aon dòigh cleachdar am facal "òirleach" anns an latha an diugh le ciall de "mu deidhinn 25 mm" . Tha seo gu math cumanta air làraich togail. Mar eisimplir, càn gu bheil inneal-cladhaidh a gearradh claise agus am fear-fhaire a dh'innse ris an fhear-innil gu bheil feum aige a dhol beagan nas domhainn "Sìos mu deidhinn sia òirlich".

  • Tha 12 òirlich ris an troigh.
  • Tha 3 troighean ris an t-slat.
  • Tha 22 slatan ris an slabhraidh.
  • Tha 10 slabhraidh, neo 220 slatan ris an ochdamh (de mhile)
  • Tha 80 slabhraidh, neo 1760 slatan ris a' mhile.
  • Tha mile mu deidhinn 1609 meatairean.

A bharrachd air sin, tha 6 troighean ann an aitheamh