Tighearnas nan Eilean

O Uicipeid
Poirt an Eilein an Loch an Eilein, ràth Tighearnas nan Eilean

B' e rìoghachd chumhachdach anns na linntean meadhanach a bh' ann an Tighearnas nan Eilean no Rìoghachd nan Eilean (the Lordship of the Isles ann am Beurla).

Somhairle Mac Gille Brìdhde[deasaich | deasaich an tùs]

Anns an 12mh linn, bha Somhairle Mac Gille Brìdhde (?1117-1164) na thighearna-cogaidh cudromach. A rèir beul-aithris, b' e Lochlannach a bh' ann an athair Shomhairle, ach b' e bana-Ghàidheal a bh' anns a mhàthair. Ann an 1140, phòs Somhairle Raghnailt, nighean Olaf Ruaidh, rìgh Eilean Mhanainn agus nan Eilean.[1] Ann an 1156, thug Somhairle buaidh air Goraidh Dubh, mac Olaf Ruaidh agus rìgh Lochlannaich nan Eilean, agus fhuair e cumhachd air Innse Gall agus Eilean Mhanainn. Ach bha Somhairle ag iarraidh fearann air tìr-mòr cuideachd. Ann an 1164, bha Somhairle a' dèanamh iomairt ann an Earra-Ghàidheal agus chuir e roimhe ionnsaigh a thoirt air Rinn Friù, ach chaidh Somhairle a bhrathadh agus a mharbhadh leis a dhàimheach fhèin.[2] Nuair a bhàsaich Somhairle, fhuair mac Shomhairle, Dùghall, agus dithis ogha aige, Ruairidh agus Dòmhnall, an rìoghachd agus stèidhich gach fear dhiubh cinneadh aige fhèin: fhuair Dòmhnall agus a chlann Ìle, agus ann an 14mh linn, b' e Clann Dòmhnaill an cinneadh a bu chudromaiche.[3]

Blàr na Leargaidh Gallda (1263)[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Aonghas Mòr MacDhòmhnaill, ogha Shomhairle, an làthair aig an tachartas a bha anabarrach cudromach ann an eachdraidh na Rìoghachd agus na h-Alba air fad: Blàr na Leargaidh Gallda, eadar Alasdair III, Rìgh na h-Alba, agus Haakon, Rìgh Nirribhidh. B' e Alasdair a bhuannaich anns a' chath agus chaill na Nirribhich am buaidh ann an Alba. Cha do chaill Aonghas Mòr a rìoghachd, oir ghabh e bòid dìlseachd do Rìgh Alasdair, ach bha Rìgh na h-Alba na àrd-uachdaran os cionn Tighearnas nan Eilean as dèidh sin.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Foghlam Alba: Somhairle, Rìgh nan Eilean.
  2. BBC Scotland's History: The Lords of the Isles.
  3. Finlaggan: the Centre of the Lordship of the Isles. "Somerled."