Thomas Guthrie
Thomas Guthrie | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Breichin, 12 dhen Iuchar 1803 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | St Leonards (en) , 24 dhen Ghearran 1873 |
Àite-adhlacaidh | Grange Cemetery, Edinburgh (en) |
Teaghlach | |
Athair | David Guthrie |
Màthair | Clementina Cay |
Cèile | Anne Burns (en) |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Dhùn Èideann Brechin High School (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair |
Ballrachd | Comann Rìoghail Dhùn Èideann |
Creideamh | |
Creideamh | protestant church (en) |
B' e searmonaiche agus gràdhaiche-daonna a bha ann an Thomas Guthrie.
Rugadh e ann am Breichin 'sa bhliadhna 1803 gu athair a bha ag obair mar bancair agus probhaist.
Cha tug fad sam bith mus do thoisich am foghlam aige, agus athair ga chuir fhèin agus a bhràthair gu breabadair anns an coimhearsnachd, a bhiodh gan teagaisg mar oide fhad 's a bhiodh e ag obair a breabadaireachd.
Aig aois 12 thoisich e mar oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus ged chuir e seachad 10 bliadhna an sin ag ionnsachadh feallsanachd, diadhaireachd, agus corp-eòlas, bha e fhèin dham beachd “beyond the departments of fun and fighting, I was in no way distinguished at college.”!
Mar sin, tha sinn a faicinn nach e duine àrdanach a bh' ann idir.
Ged bha airson dreuchd a ghabhail mar ministear, bha dì-chothroman ann agus mar sin chaidh e dhan Fhraing airson 2 bhliadhna a chuir seachad aig Oilthigh am Paris ag ionnsachadh mu leigheas.
Thill e mu dheireadh a dh'Alba mu 1828, agus chaidh e a dh'obair ann am Banc an Dùn Dè gu, mu dheireadh, fhuair e cothrom àite fhaighinn mar mhinistear ann an coimhearsnachd Obar Eilid. Chuir e seachad 8 bliadhna an seo, agus a bharrachd air cliù a choisinn dha fhèin airson fhoghlam agus a choimeas-labhairt, stèidhich e banca-sàbhalaidh agus leabharlann airson an coimhearsnachd.
Chuir e cuideachd na dh'ionnsaich e a thaobh leigheas gu feum nuair a nochd an galar-àraidh anns an sgìre.
Mu dheireadh, an 1838, thill e a Dhùn Èideann agus e air àite fhaighinn aig Old Greyfriars Church.
Bha connspaidean a dol a thaobh de mar a bha Eaglais na h-Alba air a riaghladh mu'n am seo, agus beagan bhliadhnachan an deidh dha tilleadh a Dhùn Èideann, bhris an Eaglais agus bha Thomas Guthrie a miosg na ceannardan a stèidhich an Eaglais Shaor.
Seach gun robh cliù cho mòr aige mar duine tarraingeach agus fileanta, chaidh fhàgail os cionn am Manse Fund agus e strì airson airgead a chruinneachadh airson an Eaglais Shaor. An deidh dha cuairteachadh gu iomadh sgìre agus coimhearsnachd – agus a cosnadh am far ainm “the big beggar” oir 's gur e duine cho mòr, tapaidh, a bh' ann 6 troigh gu leth – tharraing e còmhladh barrachd air £100k – fiach mu £15m ann an airgead latha an diugh - airson an Eaglais Shaor a chuir air dòigh agus a chumail a dol.
Mu fichead bliadhna an deidh sin, chaidh thaghadh mar Moderator an Eaglais Shaor.
Ge'd a b' fhiach bruidhinn air airson am buaidh a bh' aige air an eaglais abhainn, 's e dh'fhàg e sònraichte ainmeil nuair a bha e beò na h-oidhirpean a rinn e cothroman foghlam a thoirt do na cloinn a bu bhochd ann an Alba agus cuideachd mar a bhiodh e strì ann aghaidh cron an deoch làidir agus an obair a rinn e a thaobh iomadh charthannas eile.
Chuir am bochdainn a bha ri lorg ann an Dùn Èideann iongnadh air – agus bha gu math mothachail dhan an ceangal a bha eadar deoch làidir agus mar a bhiodh daoine, gu h-àraid cloinn òga, a fulang.
Aig an am a bha seo, bha cumanta gu leòr cloinn a lorg anns am prìosan, agus an 1845 bha mu 1,000 bhalach agus nighean òg à Dùn Èideann sa phrìosan.
Bhruidhinn e fhèin mu nuair thàinig e chum baile an toiseach agus e dhem beachd
“'with worthless, drunken and abandoned parents for their only guardians, there were thousands of poor innocent children, whose only chance of being saved from a life of ignorance and crime lay in a system of compulsory education”'
Agus e cuideachd a bruidhinn air na cloinn a bha seo 's e ag ràdh:
“these Arabs of the city are as wild as those of the desert.”
Dh'ionnsaich e mu na 'ragged schools' a bha air nochdadh an toiseach am Portsmouth agus, nas fhaisg air fhèin, an Obar Dheathain.
Dh'fhosgail e fhèin 'ragged school' anns an aon togalach far a bheil an Camera Obscura – a chum Patrick Geddes a dol – fhathast 'san latha an diugh.
Thug e a steach na cloinn a bu bhochd a bha ri lorg anns na sràidean agus na slums, agus fhuair iad fasgadh, aodach, biadh, foghlam. Bhiodh iad cuideachd a faighean trèanadh ann an sgilean gnìomhachas airson na balaich, agus na clann-nighinn gus am biodh iad nan "thrifty wives for working men"
B'e buaidh a bh' aig a seo, gun deach cloinn bhochd a sguabadh 'o na sraidean agus a steach dha na sgoiltean agus ann an greiseag bheag, chaidh an t-àireamh de chloinn ann am prìosain Dhùn Èideann sìos 75%.
Leis an uidh a bh' aige ann an slàinte agus cothroman na h-òigridh, agus seach gu robh 10nar chloinn aige fhèin, chanadh e “I am rich in nothing but children.”
B' e an 'temperance movement' iomairt eile anns an robh Guthrie an sas gu mor. Aig an t-àm, bhiodh fiù an cuid mhòr de chlèirich ag òl gu tric agus bha mothachail dhan an cron a bha deoch làidir a dèanamh air coimhearsnachdan agus teaghlaich bochd.
Bhiodh e fhèin ag òl gun robh e 38 bliadhna a dh'aois, ach aon latha, agus e a cuairteachadh Èirinn le ministear eile, stad iad airson 'hot toddie' fhaighinn. Dh'fhaighnich iad dhan draibhear aca – duine simplidh Èirinneach gun foghlam – an robh e fhèin ag iarraidh deoch. 'S e fhreagair e nach do ghabh e deoch làidir a riamh agus nach gabhadh.
Chuir seo iongnadh air Guthrie, agus bho'n latha sin bha e T-Total, agus a' strì airson taic thoirt do dhaoine agus coimhearsnachdan a bha fulaing fo bhuaidh alcohol.
Stèidhich e am Free Church Temperance Society agus an Scottish Association for the Suppression of Drunkenness.
Chan e 'prohibitionist' a bh' ann idir, 's e bha an dòchas bacadh a chuir air na trioblaidean a bha ceangailte ri daoine 'g òl cus agus taic thoirt do theaghlaich a bha fulaing seach gun robh greim aig an deoch air cuid de na pàrantan.
'S ann tro na h-oidhirpean aige a cheadaich am Pàrlamaid am 'Forbes-MacKenzie Act' ann an 1853, a chuir stad air alcohol bhith ga reic air Latha an Sabaid agus robh 10am agus an deidh 10pm air latha sam bith – agus na h-amannan seo againn fhathast an latha an-diugh.