Jump to content

Mirákl

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o The Miracle Game)
Mirákl
Fiosrachadh
Sgrìobhadair Josef Škvorecký
Bliadhna Foillseachaidh 1972
Cànan Seacais
Dùthaich An t-Seic
Gnè-sgrìobhaidh Nobhail Poiliteagach
Cuspair Earrach Phràg/Cogadh Fuar
Suidhichte Seacoslobhaigia

'S e nobhail leis an sgrìobhadair Sheiceach Josef Škvorecký a tha ann am Mirákl ((Mìorbhail, 1972; air fhoillseachadh mar The Miracle Game sa Bheurla)); nochd e an clò aig 68 Publishers ann an Canada.

Tha an leabhar air aithris leis a' phrìomh charactar, ana-gaisgeach ficseanail Danny Smiřický, agus tha e a' leantainn dà àm anns a bheatha: toiseach nan 1950an, nuair a bha e na thidsear òg ann an àrd-sgoil an am baile beag anns an t-Seacoslobhaigia aig linn co-mhaoineas Stalin, agus am bliadhna 1968, nuair a bha an t-Seacoslobhaigia a' feuchainn "sòisealachd le aodann daonna" a ruigsinn rè na h-ùine air a tha "Earrach Phràg", agus for-ghlacadh den dùthaich le airmailtean Ìmpireachd Shobhiat a lean sin. Ge-tà, tha iomadh fo-phlotaichean aig an dà àm le chèile, mar eisimpleir deuchainnean deireannach anns an an àrd-sgoil no iompachadh leannain aig Danny gu Caitligeachd os ìosal anns na 1950an, agus coinneachadh aig sgrìobhadair Ruiseanach le sgrìobhadair Sasannach a tha e ag eadar-theangachadh no teicheadh Dhanny agus dà charaid aige don Fhraing as dèidh an fhor-ghlacaidh. A bharrachd air sin, chan eil òrdugh a-rèir eachdraidh aig an aithris, ach tha an sgrìobhadair gu tric a' leum eadar fo-phlotaichean eadar-dhealaichte, coltach ri na rinn Joseph Heller ann an Catch-22.

'S e am fo-phlota air a tha an leabhar ainmeachadh a' ceangal an dà sreath thachartasan ri chèile: "mìorbhail" a thachair anns na 1950an anns an eaglais anns a' bhaile far a tha Danny a' teagasg, agus rannsachadh fear-naidheachd rè an Earraich Phràg am b' e mìorbhail cheart ann, air èiridh bho rannsachadh dè a bha air tachairt do shagart eaglaise a' mhìorbhail as dèidh do na poileas dìomhair Sheiceach, an StB, ga chur do phrìosan.

Tha an leabhar greis brònach, greis èibhinn, greis sgaiteach agus greis feallsanachail, a' dèiligeadh ri gnothaichean mar chreideamh no ìobairtich cho-mhaoineas ach aig aig an aon àm a' chiad leabhar Sheacais anns a tha a' phrìomh charactar ag aideachadh cho tràth ris an treas duilleag gu bheil an clap aige.