Teine-èiginn

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Anns an t-seann aimsir ann an Alba, bha an teine-èiginn air a chur gu feum gu leigheas na plàighe, air crodh no air ainmhidhean eile.

Ann a bhith a' togail an teine-èiginn, bha gach teine san dùthaich air a leigeil às agus teine ùr air fhadadh le teas-suathaidh. Bha dà chrioman de dh'fhiodh freagarrach air an suathadh ri chèile gu làidir gus an gabhadh iad teine às an teas a thogadh an suathadh.

Bha an sin tuilleadh connaidh ga chàrnadh air an teine ùr - an teine-èiginn - is bha an uair sin lasadh dheth air a thoirt do gach aon a chuireadh feum air. Bha uisge air a theasachadh air an teine ùr gun dàil, is rachadh gach ainmhidh a bhiodh air a bhualadh leis a' phlàigh a nigheadh leis an uisge teth, is ma bha leigheas orra, b' e sin e.

Thàinig an leigheas seo a-nuas bho àm nan Druidhean, oir nan creud-san, bha subhailcean mòra co-cheangailte ris an teine a rachadh a bheothachadh le dian-suathadh. Bha seo gu h-àraidh fìor a thaobh teine na Bealltainn. Air an latha ro-shònraichte sin, bha na treudan air an cur mun cuairt, is troimh, an teine, biodh galair orra, no nach biodh.[1]


Iomradh[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Transactions of the Gaelic Society of Inverness;Pasgan 28, d151