Teampall Kodaiji
Tha Teampall Kodaiji 高台寺, no Teampall Kodaijusho-zenji 高台寿聖禅寺 mar a b' aithnichear roimh' e, suidhichte ann am Beanntan Higashiyama, Kyoto an Ear, Iapan goirid don taobh dheas air Naomh-chobhan Yasaka 八坂神社.
Stèidhich a' bhan-uasail Kita-no-Mandokoro an teampall mar chuimhneachan air a cèile, Toyotomi Hideyoshi (1536-98) nach maireann. B' e Tokugawa Ieyasu a bu mhotha a chuir maoin a-steach ann a bhith a' togail an teampaill, oir b' esan prìomh thighearna fo Hideyoshi agus an uair sin na Shogun de dh'Iapan. Air sàilleibh sin, fhuaras teampall a choisinn cliù air sgàth ealantas is grinneas a dhealbhaidh. Ann an 1624, chuireadh abaid Theampall Kenninji 建仁寺, Sanko Joeki, an dreuchd an t-sagairt bunaiteachaidh, agus 's e Teampall Kodaiji fear de na fo-theampaill as motha 's as cudromaiche a th' ann an Teampall Kenninji bhon uair sin.
Rinneadh sgrios mòr air Teampall Kodaiji le caochladh theintean an dèidh 1789, mar sin dheth, chan eil air fhàgail ann de na togalaichean a bh' aige ach Otama-ya, Kaisan-do, Kangetsu-dai, Kasa-tei agus Shigure-tei msaa. 'S e adhbhar toileachais a th' ann ge-tà gu bheil iad seo ann an staid mhath dhìon-ghlèidhte fhathast. Tha iad uile air an sònrachadh nan "Seilbhean Cultarach Cudromach" le Riaghaltas Iapain.
Ann an 1588, chaidh an inbhe-uaisle a b' àirde a bhuileachadh air Kita-no-Mandokoro (air an robh far-ainm "Nene") leis an Ìompaire Goyozei, agus thugadh oirre an t-ainm urramach Kodai-in ann an 1603. 'S ann don ainm mu dheireadh seo a bhuineas ainm Teampall Kodai-ji fhèin. Mar bu ghnàth le mnathan-uaisle a linn-sa, chaidh i na cailleach-dhubh Bhudach an dèidh bàs a duine-chèile, agus ghabh i an t-ainm creidmheach Kogetsu-ni oirre fhèin. Chaochail i aig aois 76 bliadhna air 6mh latha dhen t-Sultain, 1624.