Tarmachan
| Tarmachan Lagopus muta | |
| Tarmachan | |
| Rangachadh saidheansail | |
| Rìoghachd | Animalia |
| Fìleam | Chordata |
| Clas | Aves |
| Òrdugh | Galliformes |
| Teaghlach | Tetraonidae |
| Gèineas | Lagopus |
| Spèiseas | L. muta |
| Ainm saidheansail | |
|---|---|
| Lagopus muta | |
| Ainmean eile | |
| Logopus mutus | |
| Briathran Gàidhlig eile | |
| Cearc nam Beann | |
’S e eun a th’ anns an tarmachan[1], Laideann: Lagopus muta[2]. Mar a tha fhar-ainm cearc nam beann ag innse, tha e cumanta air monaidhean na h-Albann.
Tha an tarmachan dàimheach don chirc-fhraoich, Lagopus lagopus scotica, agus gu tric lorgar an dà ghnè eòin air an aon bheinn, a’ chearc-fhraoich gu h-ìosal agus an tarmachan gu h-àrd. Ach tha diofar mòr eatarra: bidh an tarmachan a’ dol bàn anns a' gheamhradh, leasachadh a chumas am falach san t-sneachd e. As t-samhradh tha e cuideachd fìor dhoirbh fhaicinn am measg nan creag, ma shuidheas e gu sàmhach.
Tha an t-ainm aige stèidhichte air a ghairm: tarm no torm. Chaidh e a-null bhon Ghàidhlig don Bheurla mar “ptarmigan”, le ‘p’ neo-fhuaimnichte neo-eachdraidheil a’ dèanamh aithris air an t-Seann-Ghreugais πτέρυξ, sgiath. Tha cuid de bheanntan air an ainmeachadh air a shon, leithid Sgòrr an Tarmachain agus Meall nan Tarmachan.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Faclan Nàdair[dead link] aig Dualchas Nàdar na h-Alba (Leughte 17 Faoi. 2015)
- ↑ B’ àbhaist do dhaoine bhith a’ sgrìobhadh Lagopus mutus agus Lagopus lagopus scoticus, oir mar as trice tha an deireadh ‘-us’ air facal a’ ciallachadh gu bheil am facal fireann. Ach b’ e mearachd a bha siud. Am facal Seann-Ghreugais λαγωπους, tha e boireann agus is e “muta” agus “scotica” a tha ceart.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Dualchas Nàdar na h-Alba: Dà eun ‘Ghàidhlig’ - pìos le Ruairidh MacIlleathain (.pdf)
- Dualchas coitcheann le Ruairidh MacIlleathain aig Dualchas Nàdar na h-Alba (Faidhle pdf)
- BBC Naidheachdan 2021-12-01: Tarmachanan ann an cunnart
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]- Tarmachan air a’ Ghàidhealtachd sa Ghiblean
- Tarmachan sa gheamhradh
- Tarmachan falaichte san t-sneachda
- Nead
- Nead fon t-sneachda
- Uighean
