Taigh Nelissen
Taigh Nelissen | |
Fiosrachadh | |
Stoidhl | Art Nouveau |
Bliadhna | 1905 |
Ailtire | Arthur Nelissen |
Seòladh | 5 Avenue du Mont Kemmel, Forest |
Dùthaich | A' Bheilg |
'S e togalach ann an stoidhl art nouveau, a tha suidhichte aig 5 Avenue du Mont Kemmel, anns an sgìre Forest faisg air A' Bhruiseal anns A' Bheilg 's a th’ anns an Taigh Nelissen (Fraingis: maison personnelle de l'architecte Arthur Nelissen air neo Villa Beau-Site.[1] Suidhichte air beulaibh na Pàirce ann am Forest, 's e gu bheil coltas mòran nas braise aig an taigh seo na aig a chuid nabaidhean. 'S ann ainmeil 's a tha e air sgàth na h-uinneige cearcaille mòire a chithear air a' chiad ùrlar dhen aghaidh-thogalaich: tha a h-uile coltas ann gur e an aghaidh-thogalaich as cliùitiche sa bhaile 's a th' innte, ann an stoidhl a chomharrachas art nouveau geomatrach, còmhla ri uinneag eile air an Taighe Saint-Cyr le Gustave Strauven. Chaidh an taigh seo a thogail ann an 1905 le Arthur Nelissen, ailtire às Na Tìrean Ìsle a dh' obair anns A' Bhruiseal. B' e seo am taigh aigese fhèin, a shealladh gur e fìor dheagh ailtire co-aimsireil a bh' ann.
Bun-ùrlar
[deasaich | deasaich an tùs]Tha bun-ùrlar an taighe mar ghealach a-measg nan reul an taca ri an còrr dhen aghaidh-taighe air air sgàth an stutha a chithear ann: 's ann ann an cloich liath air fad 's a th e, ged a tha an còrr dhen aghaidh-taigh air a dèanadh ann an bricean falaidichte. Tha frèama uabhasach fhèin spaideil, air a dèanadh ann an cloich liath, mu timcheall air an doras fiodha cuideachd. Chithear mòran phìosan cloiche mòra dhen a h-uile sèorsa os cionn nan colbhan.
Clachdaireachd
[deasaich | deasaich an tùs]Air a sgaradh on bhun-ùrlar le cordon cloiche làidir so-chùmta, chithear coltas iol-dhathte àlainn air na h-ùrlaran, a tha mar thorradh measgachadh choiche liath agus bricean geala, uaine is dubha lìomhte.
Molladaireachd
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an aghaidh-taighe air a crùnadh le molladaireachd art nouveau, air a briseadh ann am meadhan le airse fhada ann an cloich liath, ann am pàtran ath-thriallach leis an uinneag cearcaill sa chiad ùrlar. Thig uchdan na moilladaireachd, gan lùdhdachadh mean air mhean air sgàth airsean sùrdagach uinneagan a’ chiad ùrlair, ri chèile ann an cumadh-ealaine mòr anns a’ mheadhan, air a sgeadachadh le bad fhlùraichean agus measan, suidhichte fo na h-airsean.