Jump to content

Taibhse an Opra

O Uicipeid

Tha Taibhse an Opra 'na ùirsgeul le Gaston Leroux, brosnaichte le Trilby le George du Maurier. Foillsichte sa' bhliadhna 1910, agus eadar-theangaichte a-steach dham Bheurla sa' bhliadhna 1911, tha e air bhith air fhreagarrachadh mòran amannan a-steach do film agus riochdachaidhean an àrd-ùrlair.

Tha 'n sgeul seo mu neach dìomhair a bheil uamhann air an Taigh-Opra Pharis air chur air a' bhuannachd neo-fhiosrach sheinneadair òg a bheil gaol aige air.

'S e ùirsgeil dubhach a th' ann an Taibhse an Opra- a' cur còmhla suirghe, uamhann, dìomhaireachd agus slaonasadh.

Anns an ùirsgeul àsaideach 1910 Leroux, tha 'n suidheachadh sa' Pharis 'san 19mh linn aig an Opera Garnier, togalach shòghail, mhòrail a bheil air thogail thairis na locha mhòir fon talamh. Tha na h-oibrichean ag ràdh a bheil an taigh-opra tallacihte le tannasg dìomhair a bheil caochladh sgiorraidhean air dhèanamh. Tha "Taibhse an Opra" ("le fantôme de l'Opéra") a' cur dubh-chìs air na dà grèidheir ga phàigheadh fichead francan mìle sa' mhìos agus a chaomhnadh air bothan uaigneach air cuirmean-ciùil.

Rè na h-ùine seo, tha 'n prìomh-ban-seinn òg Christine Daaé (air chreidsinn a bhith brosnaichte agus stiùirichte le Aingeal na Ciùil air smaoineachadh air chur le a h-athair) follaiseachd ghrad air thoirt gu buil air àrd-ùrlar an t-opra nuair tha i an prìomh-ban-seinn, Carlotta, air chur nì an àite, a robh cuideigin a dhìth oirre ga cur nì an àite dà uair seach galar neònach. Tha Christine na cridhean na luchd-èisdeachd air bhuannachd, a' gabhail a-staigh an cridh' an leannain a h-òige, Biocas Raoul de Chagny.

Eudmhor le a chàirdeas le Raoul, tha 'n Taibhse i air thoirt cuireadh ga thadhal sìos 'na saoghal fon àitreabh. Ghabh Christine a-staigh a chuireadh, agus sìos anns na h-uamhan, tha i 'g ionnsachadh a bheil a h-aingeil gu fìor 'na neach-ealantachd chiùil mì-mhaiseil a feumaidh sgàil air aghaidh a chur a fhalach a gràinead. Ràn i ann an uamhann aig an sealladh aghaidh fhìor; feargach is nàireach, ghlas an Taibhse i 'na dhachaigh, 'g aontachadh ga saoradh a-mhàin an dèidh dhi geall dhèanamh a thilleadh thuige le a toil fhèin.

Tha Christine reubta eadar a gaol air Raoul, an Biocas òg grinn agus a geasachd leis a' cheòl àlainn gu dorcha an Taibhse. Nuair a tha i 'tuigsinn a bheil a h-aingeal cuideachd 'na Thaibhse an t-Opra a bheil an urra ris na sioraidhean is marbhaidhean, tha i 'gus Raoul a phòsadh an uaigneas air shocrachadh air agus a ruith air falbh às a' Pharis -- agus an ruigheachd an Taibhse.

Lorg an Phantom a-mach an n-oidhirp agus fad an gnìomh Christine ri Marguerite anns an Fhaust le Gounod, ghoid e i às an àrd-ùrlar. Sìos 'san dachaigh an Taibhse, tachairidh 'n t-aghaidheachadh deireannach eadar an Taibhse, Christine agus Raoul.

Cò a tha an Taibhse?

[deasaich | deasaich an tùs]
An prìomh-caractar ri dhealbh Lon Chaney, Sr. in the dealbh-film 1925, an freagarrachadh as ainmeile mus an cleas-ceòlach

Bha 'n Taibhse air bhreith ri Erik ann am baile beag dlùth ri Rouen, an mac àrd-chlachair. Ruith e air falbh aig aois òig às an taigh athair, far a robh a gràinead cuspair uamhann ri a phàrantan. Rè h-ùine, thadhail e na fèillean, far a bha e ann am foillseachadh-culaidhean-fhanaid air fhoillseachadh ris a' "mharbhan beò." Shiubhail e mun cuairt an Eòrpa agus an Àisia leis na Dubh-shiùbhlaich. An-siud, fhuair e ealain lùth-chleasach is cheòlach agus gheuraich e ealantachd mhì-fhallain. Dh'fhàs e cuideachd staoireadair eòlach.

Ri ùine, dh'fhàs e ri marbhadair a' chùirt agus innleadairn pearsanta dhan Rìgh an Phersia agus thog e dha sophisticated glacan dèantach agus tionnsgalan-cràidhe (mar an Punjab Lasso). An dèidh do rè na h-ùine, bha 'n t-eagal air an Rìgh a bheil cus fhios aig Erik agus shocraich e air a' cur an dara thaobh dhe. Ach bha Erik cumhachd a theicheadh, ri ùine dèanamh a shlighe air air dham Fhraing.

Chleachd Erik ealain na h-ailtearachd agus bhuannaich e còrdadh ri aon den ailtirean Pharis' Palais Garnier Taigh-Opra. Fon Taigh-Opra, tha loch fuadain air chruthachadh fad a thogail a' cleachadh ochd taosgair uisgeach, seach draghan leis a' chòmhnard-uisge an làir a mhair èirigh. Gun neach sam bith ga thoirt an aire, thog Erik cuairtean chadhan air na còmhnardan nas ìsle. Seachad air an loch fon-talamh, thog e garadh dha fhèin, far b' urrainn dha fhuireach, air dìon às an sluagh.

A bharrachd a bhith 'n innleachaiche agus innleadair iongantach, bha Erik cuideachd neach-ealantachd chiùil, agus thòisich e a thadhal an Taigh-Opra a dh'èisdeachd dhan oprachan agus a bhuntainn ris a' chiall dhona nam grèidhear. Seach cha b' urrainn dha aghaidh nochdadh dhan sluagh, ghabh e an dòigh tannaisg, a' cleachdadh aineart air chor a chur dubh-chlìs air na grèidhearan agus ga nasgadh ri a thoil. Ghabh e fàth air na saobh-chràbhaidhean nam oibriche agus a fhios mun cuairt na slighean rùnach na togalaich, a' lùthaigeadh cothrom ri uile cuid na togalaich gun a' bith air thoirt an aire. Chuir e uamhann air na daoine siud a dhiùlt a iarraidhean agus mharbh e daoine eadhon ri rabhaidhean. Ge tà, riaraich e gu caomh na daoine gun robh dìleas dha 'gus a ghèill do òrdachaidhean (mar Madame Giry (A' Bh. Giry)).

Tòisichidh an sgeul an t-ùirsgeòil nuair tha nighean Christine Daaé a' chòisir an t-Opra air aonachadh agus tha Erik, an Taibhse, ann am gaol leatha air thuiteam.

Àrd-ùrlar

[deasaich | deasaich an tùs]

Teleibhisean (Bocsa-deilbhe)

[deasaich | deasaich an tùs]

Ùirsgeulan

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Taibhse le Susan Kay, an sgeul na beatha an Taibhse
  • An Taibhse am Manhattan le Frederick Forsyth, iarsmadh (dhan chleas-ceòlach le Lloyd Webber an àite dhan ùirsgeul àrsaideach)
  • Aingeal a' Chiùil le D.M. Bernadette, iarsmadh ri "uile ath-chòireachaidhean an Taibhse"
  • Turas an Sgàile le Nancy Hill Pettengill, iarsmadh dhan ùirsgeul àrsaideach Leroux
  • Gineal le Becky L. Meadows, iarsmadh eile far a tha mac aig Erik agus Christine
  • The Canary Trainer le Nicholas Meyer, ùirsgeul Sherlock Holmes a tha 'mìneachadh 'rithist an gnìomhadh Leroux
  • Cidhisearachd le Terry Pratchett, ùirsgeul Saoghal-chlàir a bheil a' dèanamh atharrais air an sgeul
  • Aingeal an Opra le Sam Siciliano, coinnichidh Sherlock Holmes agus a cho-ogha suas leis an Taibhse
  • Druidheachd na h-Oidhche le Charlotte Vale Allen, an sgeul an Taibhse ann an àmannan nas nuaidhe

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: