Jump to content

Tòrr nan Clàr

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°23′51″N 5°30′00″W / 57.397481°N 5.500017°W / 57.397481; -5.500017

Is dòcha gu bheil sibh a' lorg an loch Loch Carrann.

Tòrr nan Clàr
Suidheachadh
Suidheachadh
Tòrr nan Clàr
Suidheachadh Tòrr nan Clàr air a' Ghàidhealtachd

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a th' ann an Tòrr nan Clàr neo Loch Carrann (Beurla: Lochcarron). [1] Tha e suidhichte air bruach a iar-thuath Loch Carrainn. Tha na shìneadh mu dà mhìle air a' bhruach agus a' gabhail a-steach cuid tuineachaidhean beaga eile. Ann an 2001 bha 923 duine a' fuireach ann.[2]

Anns an 19mh linn bha ainm eile air, an toiseach chanadh Janetown ris agus dh'atharraich sin an uair sin gu Jeantown.[3]

Tha pàipear-naidheachd ionadail "An Carrannach" ann a nochdas gach mios.

Tha am baile tarraingeach don luchd-turais, tha Bealach na Bà, rathad cliùiteach a leanas chun na Comraiche, faisg air làimh. A thaobh spòrs tha Comann Camanachd Loch Carrainn ann agus tha club seòlaidh ann a tha fosgailte do mhuinntir an àite is luchd-turais.[4] Tha ceumannan coise ann don luchd coiseachd cuideachd. [5]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Stòr-dàta Briathrachais
  2. General Register Office for Scotland : Census 2001 : Usual Resident Population : Lochcarron Civil Parish Air a tharraing 2014-07-31
  3. John E Wilson (): The Gazetteer of Scotland. Heritage Books, td. 247. ISBN 9781888265071. 
  4. Lochcarron Sailing Club
  5. Tòrr nan Clàr aig walkhighlands.co.uk

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: