Sòrbais Ìochdarach
Sòrbais Ìochdarach (dolnoserbšćina) | ||
---|---|---|
Fuaimneachadh | [ˈdɔlnɔˌsɛrbʃtʃina] | |
Far a bheil i 'ga bruidhinn |
| |
Luchd-labhairt iomlan |
~ 6,670 [1] | |
Teaghlach-chànan | ||
Siostam-litreachaidh | Laideann | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | a' Ghearmailt | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | - | |
ISO 639-2 | dsb | |
ISO 639-3 | dsb |
Is e cànan a tha anns an t-Sòrbais Ìochdarach (dolnoserbšćina, Beurla: Lower Sorbian). Buinnidh i don gheug Slàbhach den teaghlach Innd-Eòrpach. Tha an t-Sòrbais Iòcharach dlùth-chàirdeach don t-Sòrbais Uachdarach agus tha i faisg cuideachd air an t-Seacais, air an t-Slòbhacais agus air a’ Phòlais.
Cha b' e cànan leasaichte a bh' ann an Sòrbais Ìsosal ron 20mh linn agus cha deach tòrr leabhraichean fhoillseachadh rè nan linntean. Anns na seasgadan, bhathar ag iarraidh gràmar agus briathrachas a leasachadh ach gu mì-fhortanach cha robh tòrr dhaoine ann tuilleadh aig an robh Sòrbais Ìochdarach mar chànan màthaireil. Le sin chaidh an cànan a leasachadh le duine a tha air a' chànain ionnsachadh mar dàrna cànan. Às dèidh an dàrna cogaidh bha na daoine ag iarraidh gun deachadh crìoch a chur eadar Sòrbais Ìochdarach agus Sòrbais Uachdarach. Mar sin chaidh an stoidhle sgrìobhaidh Slàbhaich ath-bheòthachadh agus chaidh faclan den t-Sòrbais Uachdarach a chur às.
Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais Ìochdarach mar mhion-chànain[2].
Tha Sorbais Iosal ga bruidhinn ann am Brandenburg, gu h-àraid timcheall air a’ bhaile Cottbus. 'S teis-meadhan beatha cultarach a’ chànain seo a tha ann an Cottbus ann an earra-dheas Bhrandenburg. Thàinig an t-ainm Cottbus bhon fhacal Chóśebuz, tha e a' ciallachadh "taighean beaga brèagha". Chìthear sanasan rathaid dà-chànanach air feadh a' bhaile.
Sorbais Iosal an-diugh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir chunntasan-sluaigh anns a' bhliadhna 1900 bha Sòrbais Ìochdarach aig 55,8% de muinntir sgìre Bhrandenburg. [3] Ach canar gu bheil mu 6.670 duine a’ cleachdadh Sòrbais Iosal mar phrìomh chànan anns an sgìre seo an-diugh, mar as trice am-measg nan seann daoine. Tha suidheachadh a' chànain nas miosa na suidheachadh Sòrbais Uachdarach a tha ga bruidhinn am-measg nan daoine òga cuideachd an-diugh.
Leis an pròiseict ùr Witaj (a' ciallachadh "Fàilte"), a chaidh a chur air bhonn ann an Cottbus 1998 's urrainn do chlann bhig Sòrbais Ìochdarach a thogail ann an sgoiltean-àraich. Thèid an cànan a theagasg ann an 30 sgoiltean. Ann an Sagsainn, gheibh na sgoiltean-àraich € 500,000 mar thaic-airgid a h-uile bliadhna airson am foghlam seo a thoirt seachad. Co-dhiù cha robh ach 440 clann ag ionnsachadh a' chànain ann an 2014. Tha prògraman Telebhisean fon tiotail Łužyca ann gach mios agus tha prògraman rèidio ann cuideachd.
Eisimpleir
[deasaich | deasaich an tùs]Seo Ùrnaigh an Tighearna ann an Sòrbais Ìochdarach:
- Wóśce nas, kenž sy na njebju,
- wuswěśone buź Twójo mě;
- pśiź k nam Twójo kralejstwo;
- Twója wóla se stań
- ako na njebju, tak teke na zemi.
- Wšedny klěb naš daj nam źinsa,
- a wódaj nam naše winy,
- ako my wódawamy swójim winikam.
- A njewjeź nas do spytowanja
- ale wumóž nas wót togo złego,
- Pśeto Twójo jo to kralejstwo a ta móc a ta cesć
- do nimjernosći. Amen.
Iomradh
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnologue
- ↑ European Charter for Regional or Minority Languages
- ↑ Cunntasan-sluaigh às a' bhliadhna 1900 (Gearmailtis)
Litreachas
[deasaich | deasaich an tùs]- Faßke: Der Niedersorben Wendisch. Foillsichte aig Domowina-Verlag, Bautzen 2003, ISBN 3-7420-1886-8
- Jodlbauer, Spieß, Steenwijk: Die aktuelle Situation der niedersorbischen Sprache. (Suidheachadh Sòrbais Ìochdarach an-diugh) Domowina-Verlag, Bautzen 2001, ISBN 3-7420-1844-2