An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Thomas Guthrie"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Toiseach
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 20:34, 1 dhen Iuchar 2020

Rugadh Thomas Guthrie am Brechin 'sa bhliadhna 1803 gu athair a bha ag obair mar bancair agus probhaist.

Cha tug fad sam bith mus do thoisich am foghlam aige, agus athair ga chuir fhein agus a bhrathair gu breabadair anns an coimhearsnachd, a bhiodh gan teagaisg mar 'tutor' fhads a bhiodh e ag obair a breabadaireachd.

Aig aois 12 thoisich e mar oileanach aig Oilthigh Dhun Eideann, agus ged chuir e seachad 10 bliadhn' an sin ag ionnsachadh feallsanachd, diadhaireachd, agus corp-eolas, bha e fhein dha'm beachd “beyond the departments of fun and fighting, I was in no way distinguished at college.”!

Mar sin, tha sinn a faicinn nach e duine ardanach a bh'ann idir.

Ged bha airson dreuchd a ghabhail mar ministear, bha di-chothroman ann agus mar sin chaidh e dhan Fhraing airson 2 bhliadhna a chuir seachad aig Oilthigh am Paris ag ionnsachadh mu leigheas.

Thill e mu dheireadh a dh'Alba mu 1828, agus chaidh e a dh'obair ann am Banc an Dun-De gu, mu dheireadh, fhuair e cothrom aite fhaighinn mar mhinistear ann an coimhearsnachd Obar Eilid. Chuir e seachad 8 bliadhna an seo, agus a bharrachd air cliu a choisinn dha fhein airson fhoghlam agus a choimeas-labhairt, steidhich e Banca 'savings' agus leabharlann airson an coimhearsnachd.

Chuir e cuideachd na dh'ionnsaich e a thaobh leigheas gu feum nuair a nochd cholera anns an sgire.

Mu dheireadh, an 1838, thill e a Dhun-Eideann agus e air aite fhaighinn aig Old Greyfriars Church.

Bha connspaidean a dol a thaobh de mar a bha Eaglais na h-Alba air a riaghladh mu'n am seo, agus beagan bhliadhnachan an deidh dha tilleadh a Dhun Eidean, bhris an Eaglais agus bha Thomas Guthrie a miosg na ceannardan a steidhich an Eaglais Shaor.

Seach gun robh cliu cho mor aige mar duine tarraingeach agus fileanta, chaidh fhagail os cionn am Manse Fund agus e stri airson airgead a chruinneachadh airson an Eaglais Shaor. An deidh dha cuairteachadh gu iomadh sgire agus coimhearsnachd – agus a cosnadh am far ainm “the big beggar” oirs gur e duine cho mor, tapaidh, a bh'ann 6 troigh gu leth – tharraing e comhladh barrachd air £100k – fiach mu £15m ann an airgead latha an diugh - airson an Eaglais Shaor a chuir air doigh agus a chumail a dol.

Mu fichead bliadhna an deidh sin, chaidh thaghadh mar Moderator an Eaglais Shaor.

Ge'd a b'fhiach bruidhinn air airson am buaidh a bh'aige air an eaglais abhainn, 's e dh'fhag e sonraichte ainmeil nuair a bha e beo na h-oidhirpean a rinn e cothroman foghlam a thoirt do na cloinn a bu bhochd ann an Alba agus cuideachd mar a bhiodh e stri ann aghaidh cron an deoch laidir agus an obair a rinn e a thaobh iomadh charthannas eile.

Chuir am bochdainn a bha ri lorg ann an Dun Eidean iongnadh air – agus bha gu math mothachail dhan an ceangal a bha eadar deoch laidir agus mar a bhiodh daoine, gu h-araid cloinn oga, a fulang.

Aig an am a bha seo, bha cumanta gu leor cloinn a lorg anns am priosan, agus an 1845 bha mu 1,000 bhalach agus nighean og a Dun Eidean sa phriosan.

Bhruidhinn e fhein mu nuair thanaig e chu'm baile an toiseach agus e dhe'm beachd

“'with worthless, drunken and abandoned parents for their only guardians, there were thousands of poor innocent children, whose only chance of being saved from a life of ignorance and crime lay in a system of compulsory education”'

Agus e cuideachd a bruidhinn air na cloinn a bha seo 's e ag radh:

these Arabs of the city are as wild as those of the desert.”

Dh'ionnsaich e mu na 'ragged schools' a bha air nochdadh an toiseach am Portsmouth agus, nas fhaisg air fhein, an Obar Dheathainn.

Dh'fhosgail e fhein 'ragged school' anns an aon togalach far a bheil an Camera Obscura – a chum Patrick Geddes a dol – fhathast 'san latha an diugh.

Thug e a steach na cloinn a bu bhochd a bha ri lorg anns na sraighdean agus na slums, agus fhuair iad fasgadh, aodach, biadh, foghlam. Bhiodh iad cuideachd a faighean treanadh ann an sgilean gniomhachas airson na balaich, agus na clann-nighinn gus am biodh iad nan 'thrifty wives for working men'

B'em buaidh a bh'aig a seo, gun deach cloinn bhochd a sguabadh 'o na sraidean agus a steach dha na sgoiltean agus ann an greiseag bheag, chaidh an t-aireamh de chloinn ann am priosainn Dhun Eidean sios 75%.

Leis an uidh a bh'aige ann an slainte agus cothroman na h-oigridh, agus seach gu robh 10nar chloinn aige fhein, chanadh e “I am rich in nothing but children.”

B'e an 'temperance movement' iomairt eile anns an robh Guthrie an sas gu mor. Aig an t-am, bhiodh fiu an cuid mhor de chleirich ag ol gu tric agus bha mothachail dhan an cron a bha deoch laidir a deanamah air coimhearsnachdan agus teaghlaich bochd.

Bhiodh e fhein ag ol gun robh e 38 bliadhn a dh'aois, ach aon latha, agus e a cuairteachadh Eirinn le ministear eile, stad iad airson 'hot toddie' fhaighinn. Dh'fhaighnich iad dhan draibhair aca – duine simplidh Eirinneach gun foghlam – an robh e fhein ag iarraidh deoch. 'S e fhreagair e nach do ghabh e deoch laidir a riamh agus nach gabhadh.

Chuir seo iongnadh air Guthrie, agus bho'n latha sin bha e T-Total, agus a stri airson taic thoirt do dhaoine agus coimhearsnachdan a bha fulaing fo bhuaidh alcohol.

Steidhich e am Free Church Temperance Society agus an Scottish Association for the Suppression of Drunkenness.

Chan e 'prohibitionist' a bh'ann idir, 's e bha an dochas bacadh a chuir air na trioblaidean a bha ceangailte ri daoine 'g ol cus agus taic thoirt to theaghlaich a bha fulaing seach gun robh greim aig an deoch air cuid de na parantan.

S'ann trobh na h-oidhirpean aige a cheadaich am Parlamaid am 'Forbes-MacKenzie Act' ann an 1853, a chuir stad air alcohol bhith ga reic air Latha an Sabaid agus robh 10am agus an deidh 10pm air latha sam bith – agus na h-amanan seo againn fhathast an latha and diugh.


{{DEFAULTSORT:Guthrie, Thomas}}