An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Brabhsair-lìn"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.6.4) (Robot: Adding tg:Мурургар
Loidhne 105: Loidhne 105:
[[ta:உலாவி]]
[[ta:உலாவி]]
[[te:విహరిణి]]
[[te:విహరిణి]]
[[tg:Мурургар]]
[[th:เว็บเบราว์เซอร์]]
[[th:เว็บเบราว์เซอร์]]
[[tl:Web browser]]
[[tl:Web browser]]

Mùthadh on 19:11, 31 dhen Dàmhair 2012

'S e bathar-bog a tha ann am brabhsair-lìn a bheir cothrom dhut rudan a lorg 's fhaicinn air an eadar-lìon. Ged a bhios daoine 'gan cleachdadh gus an t-eadar-lìon a bhrabhsadh, gabhaibh an cleachdadh cuideachd gus eadra-lìontan a bhrabhsadh.

Eachdraidh

Nochd na ciad bhrabhsairean-lìon anns na 1980an agus 's e Netscape aon dhe na brabhsairean as sine a tha ann fhathast.

Co-fharpais nam brabhsair

Tha iomadh brabhsair ann agus tha co-fharpais mhòr ann eatarra. Tha an roinn as motha aig 5 dhiubh an-diugh: Internet Explorer, Firefox, Google Chrome, Safari agus Opera.

Brabhsairean agus a' Ghàidhlig

Tha dà bhrabhsair ri fhaighinn sa Ghàidhlig an-dràsta fhèin 's pròiseactan eadar-theangachaidh leis a' choimhearnsachd aca: Mozilla Firefox agus Opera.

'S e Opera a' chiad bhrabhsair a bha ri fhaighinn sa Ghàidhlig, eadar tionndadh 5.12 a chaidh a sgaoileadh ann an 2000 gu 6.06 ann an 2001. Bha beàrn ann an uair sin far nach robh brabhsair sam bith ri fhaighinn nach robh a thionndadh air dheireadh chàch. Thàinig tionndadh Gàidhlig de Firefox 3.6 a-mach an uairsin ann an 2010 agus gu goirid 'na dhèidh tionndadh ùraichte de dh'Opera 11 agus Firefox 4.0 22 dhen Mhàrt 2011.

Ceanglaichean dhan taobh a-muigh