An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Wolfgang Amadeus Mozart"
b r2.7.1) (Robot: Adding sa:वोल्फगांग आमाडेउस मोझार्ट |
b r2.7.1) (Robot: Adding new:वुल्फग्याङ्ग आमाद्युस मोजार्ट |
||
Loidhne 131: | Loidhne 131: | ||
[[nds-nl:Wolfgang Amadeus Mozart]] |
[[nds-nl:Wolfgang Amadeus Mozart]] |
||
[[ne:वोल्फगान्क आमडेयुस मोत्सार्ट]] |
[[ne:वोल्फगान्क आमडेयुस मोत्सार्ट]] |
||
[[new:वुल्फग्याङ्ग आमाद्युस मोजार्ट]] |
|||
[[nl:Wolfgang Amadeus Mozart]] |
[[nl:Wolfgang Amadeus Mozart]] |
||
[[nn:Wolfgang Amadeus Mozart]] |
[[nn:Wolfgang Amadeus Mozart]] |
Mùthadh on 09:55, 16 dhen t-Samhain 2011
B' e Wolfgang Amadeus Mozart (27 am Faoilleach 1756 – 5 an Dùbhlachd 1791) cumadair-ciùil air feadh àm clasaigeach, às an Ostair. Sgrìobh e nas motha na 600 obraichean agus tha fèill mhòr air an obair aige fhathast. Bha e na phòsta agus bha dà mhac a mhairinn aige. Chaochail e nuair a bha e 35 bliadhna a dh'aois agus tha miotas air a bhàs an-diugh. Tha ceòl aig Mozart gu math ainmeil agus buadhmhor.
Beath-Eachdraidh
Bliadhnaichean Tràth
Rugadh Mozart aig Getreidegasse 9, Salzburg ann an dùthaich an Ostair an t-ainm a th' air na laithean seo. B' e Leopold agus Anna Maria Perti Mozart a phàrantan. Bha piuthar as aosda aige, Maria Anna (1751-1829), Nannerl a far-ainm aice. Bha baisteadh aig Mozart ann an Cathair-Eaglais Naomh Rupert an là as dèidh a bhreith. Bha Johannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart an t-ainm làn a bh' air.
Bha a h-athair à Ausberg. B' e Kappellmeister (ceòl-maighstir) ann an orcastra-cuirt a bh' ann airson an Àrd-easbaig Salzburg. B' e cumadair-ciùil beag agus tidsear a bh' ann cuideachd.
Thòisich a phiuthar am piàno a dh'ionnsachadh nuair a bha i 7 agus bha Mozart 3 bliadhna a dh'aois. Choimhead Mozart air na leasanan. Thuirt a phiuthar:
- Gu tric, chuir e seachad mòran àm aig an clabhier, a' cluich treasan [...] agus bha tlachd air aig am fuaim [...] Anns a' bhliadhna cethramh a dh'aois aige thòisich a h-athair, mar geama, a theagaisg beagan miinuet agus pìosan eile aig an clabhier [...] 's urrainn dha cluich gun mhearachd agus le mhaothalachd mòr, agus a' cumail àm gu buin. [...] Aig 5 bliadhna a dh'aois bha e a' sgrìobhadh pìosan beaga mu thràth agus sgrìobh a h-athair iad sìos.
Tha na pìosan sin ann an Nannerl Notenbuch (leabhar-nòta aig Nannerl).
Nuair a bha eòlach aig a h-athair air comas a mhic, chuir e fhèin crìoch air sgrìobhadh ceòl. Bha Leopold an aon thidsear aig Mozart. Theagaisg e ceòl, cànain, agus cuspairean sgoileireach eile ris a chlann.