An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Campamento (Antioquia)"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b robot Adding: ro:Campamento
Loidhne 49: Loidhne 49:
[[nl:Campamento (Antioquia)]]
[[nl:Campamento (Antioquia)]]
[[pt:Campamento (Antioquia)]]
[[pt:Campamento (Antioquia)]]
[[ro:Campamento]]
[[war:Campamento, Antioquia]]
[[war:Campamento, Antioquia]]

Mùthadh on 01:29, 25 dhen Fhaoilleach 2011

Campamento
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Norte Antioqueño
Àirde 1700m
Co-chomharran 06° 58' 55' Tuath
75° 17' 59' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 200 km²
Àireamh-shluaigh 9,688 (2005)
Dlùths 48.44/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Campamento. Tha e suidhichte aig 1,700m os cionn ìre na mara aig astar dhe 149m bho Mhedellín. ‘S e baile le clìomaid teth a th’ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 24˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1827.

Eachdraidh

Thàinig na ciad tìrichean gus an àite far a bheil Campamento ann an 1827, leis an t-Sagart José Antonio Palacios Izaza os an cionn.[3] An ceann ochd bliadhna chaidh am baile a steidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (17981845), nuair a bha e fhathast na Riaghladair ann an Antioquia. A bharrachd air Campamento, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Liborina, Ebéjico, Entrerríos, Girardota agus Cocorná.[4] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a steidheachadh cuideachd.

Sluagh a' bhaile

Tha 9,688 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 7,238, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh uabhasach traidiseanta a th’ann.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Campamento. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

  1. Mapa oifigeil na roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fiosrachadh a’ Chomhairle
  4. Leabharlann Luis Angel Arango
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Colombia Virtual
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Campamento