An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan"
b robot Adding: so:Horgale (Fiisikis) |
b robot Modifying: tl:Pandaigdigang Sistema ng mga Yunit |
||
Loidhne 157: | Loidhne 157: | ||
[[ta:அனைத்துலக முறை அலகுகள்]] |
[[ta:அனைத்துலக முறை அலகுகள்]] |
||
[[th:หน่วยเอสไอ]] |
[[th:หน่วยเอสไอ]] |
||
[[tl: |
[[tl:Pandaigdigang Sistema ng mga Yunit]] |
||
[[tr:Uluslararası Birimler Sistemi]] |
[[tr:Uluslararası Birimler Sistemi]] |
||
[[uk:Міжнародна система СІ]] |
[[uk:Міжнародна система СІ]] |
Mùthadh on 07:13, 21 dhen Ògmhios 2010
Anns a’ bhliadhna 1960, dh’aontaich an 11mh Comhairle Ginearalta air Cuideaman agus Tomhaisean ris an ainm Système International d'Unités (Siostam Eadar-Naiseanta de Aonadan), agus ris a’ ghearr-sgriobhadh eadar-naiseanta SI , airson an siostam de aonadan-thomhais practigeachd a chaidh air mhòladh leis a’ chomhairle.
Tha an SI steidhichte air seachd bun-aonad. Air barrachd na bun aonadan, dh’aontaich an 11mh Comhairle Ginearalta, riaghailtean airson ro-ainmean, airson aonadan-leasaichte, agus airson gniomhan eile.
Is àlach de aonadan sar-sonraichte, a tha anns an seachd bun-aonad. Gabhar, le abhaisteas, gu bheil gach bun-aonad a’ tomhais bun-feart a tha neo-eisimileach ri cach air taobh seoladh. Is iad na bun-aonadan : An Metre (m), and Cilogram (kg), an Diog (d), An Ampere (A), An Ceilbhin (K) An Mól(mol) agus an Càindeile(Cd).
Tha na aonadan-leasaichte cruthaichte as bun-aonadan co-cheangailte. Tha cruth de gach aonad-leasaichte a reir an cairdeas ailseabrachd eadar a bhun-fheartan.
Tha ainmean (agus comharraidhean) sonraichte ri na h-aonadan-freumhaichte bu cudthromach. Far a bheil ainm sonraichte do aonad-freumhaichte, faodar don ainm is comharra a bhi cleachda an tuairsgeulan agus mar pairt de aonadan ro-leasaichte.
Chan eil an SI na shiostam reoithte, ach theid a leasachadh gu leantainneach mu choinneamh sar-fheuman tomhais de saidheans agus teicneòlas.
Na Bun Aonadan
Meatair m
Is an t-aonad de Fàd a tha anns an meatair.
Is meatair an astar a shuibhalas gàth sholais, ann an falamhantas, re dail tím de 1/299 792 458 de diog.
Cilogram Kg
Is an t-aonad de Màs a tha anns an Cilogram.
Tha màs a’ Chilograim co-ionnan ri màs den ro-shamhuil eadar-naiseanta.
Diog s
Is an t-aonad de Tím a tha anns an diog.
Is diog an dail tím ré 9 192 631 770 dail den reideachd saoraichte le adamh de Caesium 133, agus an adhamh an iompachadh eadar dà inbhe haidhper-mìn de a bhun-stàid.
Ampere A
Is an t-aonad de Srùth-Dhealanachd a tha ann an Ampere.
Is e a tha anns an Ampere an sruth-dhealain cunbhalach a bhiodh, nan ro e na srùthadh tro dà teud direach, de tar-raoin neo-mheudachd, , de fàd eicriochte, co-shinte le astar de 1 metre eadarra agus suidhichte ann an falmhantas, ag aobharachadh forsa eadar an dà theud co-ionnan ri 2 x 10-7 Newton air gach metre nan fhàid.
Ceilbhin K
Is an t-aonad teasad teirmidinimiciúil a tha anns an Ceilbhin.
Is e a tha anns an Cheilbhin ceum de teasad teirmidinimiciúil co-ionnan ri 1 / 273.16 de an teasad teirmidinimiciúil aig am pung tri-staideachd de uisge.
Mól mol
Is aonad uimhir a tha ann an Mól
1. Is uimhir de stugh a tha ann an mól, le aireamh de bun-mirean co-ionnan ris an aireamh de àdamhan a tha ann 0.012 cilogram de Carbon 12.
2. Nuair a theid cleachdadh air an mól, b’fheudar do na bun-mirean a bhi sonraichte, faodar bun-mhirean na cuise a bhi àdamhan, moileiciuilean, ionan, éileactronan, neo buidhnean-mirean sonraichte le na mírean sin.
Càindeile Cd
Is an t-aonad de soillearad a tha ann an Càindeile
Is e a tha anns a’ Chaindeile, an dlùths-sholais, ann an rian ainmichichte, bho mathair-sholais a sgaoileas reideachd mhonocrómatachd aig minigead de 540 x 10 12 Hertz, agus le dluths-reideachd anns an rian sin de 1/683 Bhatt air an stereidean.
Aonadan Leasaichte
Tha ficheadan de aonadan-leasaichte anns an t-Système International. Tha cuid dhaibh ri lorg anns an earann seo.
Joule (J) : Is aonad-luith a tha anns an Joule.
Bhatt (W): Is aonad Cumhachd a tha anns an Bhatt.
Ceanglaichean a-mach
- BIPM Bureau International des Poids et Mesures (SI maintenance agency)(Duilleag oifigeil)
- BIPM brochure (SI reference)