Stàitean Aonaichte Choloimbia
Stàitean Aonaichte Choloimbia Estados Unidos de Colombia | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1863 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1886 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Bogotá | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Spàinntis | |||||||
Farsaingeachd | 1,331,250 km2 | |||||||
Àireamh-shluaigh | 3,250,000 (1874) | |||||||
Dlùths | 2.44/km2 |
B' e poblachd fheadarail a bh' ann na Stàitean Aonaichte Choloimbia far a bheil dà stàit ann an latha an diugh: Coloimbia agus Panama. Lean an stàit sin Co-chaidreachas Ghranada ann an 1863 agus thug Poblachd Choloimbia an àite aige ann an 1886.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an t-ainm Stàitean Aonaichte Choloimbia a chur air bhog airson an dùthaich ùr, na bu lugha, a thug àite an t-seann Cho-chaidreachas Ghranada ann an 1863, tro Bhun-reachd Rionegro.
Ann an 1885, an dèidh sreath dhe chogaidhean sìobhalta, rinn am Pàrtaidh Tòraidh an gnothach air a chuid nàimhdean anns a' Pàrtaidh Libearalach Choloimbia, le Rafael Núñez os a chionn. Ghairm iad Bun-reachd ùr na mheadhanach agus le sin chaidh sin na Stàitean Aonaichte Choloimbia à bhith. Thoisich Poblachd Choloimbia an uair sin.