Jump to content

Stèisean Fharrais

O Uicipeid
Stèisean-rèile Fharrais

'S e Stèisean Fharrais (Beurla: Forres railway station) an stèisean-rèile ann am Farrais. Tha e suidhichte air an loidhne eadar Obar Dheathain agus Inbhir Nis.

Dh'fhosgail stèisean rathad-iarainn aig Farrais anns a' chiad dol a-mach, ann an 1858 nuair a chaidh fosgladh air 'Rathad-iarainn Altachaidh Inbhir Nis is Obar Dheathain', (ainmichte gu h-oifigeil an Inverness and Aberdeen Junction Railway) a chaidh seachad taobh tuath a' bhaile. Chaidh ath-shuidheachadh air stèisean Fharrais ann an 1863, nuair a rinneadh gabhail aig Farrais eadar an rathad-iarainn maireannach agus loidhne ùr deas gu Peairt. Rinneadh an altachadh eadar an dà rathad-iarainn ann an cruth triantan le gabhail aig gach ceàrnag, mus am biodh aig trèanaichean ruith slighe air bith eadar na loidhnichean comh-altaichte.


Stèisean roimhe National Rail an ath stèisean
Eilginn   Rèile na h-Alba
Loidhne Obar Dheathain gu Inbhir Nis
  Inbhir Narann