Jump to content

Speactram an t-Solais

O Uicipeid

'S e a h-uile càil as urrainn dhuinn fhaicinn san speactram dealan-mhagnaiteach fhaicsinneach, air neo a h-uile rud aon-chromataigeach san t-solas fhaicsinneach a th' ann speactram an t-solais fhaicsinnich no speactram radharcach.[1] Chan fhaod duine sam bith idir a ràdh na th' ann foir-iomallan nan tonn-fhadan a chì sinn: 's e gu bheil mothachas na sùla a' dol sìos beag air bheag fad nam bliadhnaichean, agus tha gach uile duine eadar-dhealaichte cuideachd.[2] Thuirt Coimisean Eadar-nàiseanta an t-Solais gum biodh lèirsinn an neach-amhairc eadar tonn-fhad san fhalamhachd mu 380 nanomeatair (nm), a chithear mar phurpaidh, agus 780 nm, a chithear mar dhearg. 'S e an speactram faicsinneach a th' anns a' mhòr-chuid dhen uinneag radharcach – sreath dhe tonn-fhadan a ghabhas ri shùigheadh gu math furasta leis an àile. 'S ann ann an roinn sin an speactraim dealan-mhagnaiteach far am bi soillseachadh cumhachd na grèine aig an ìre as àirde air uachdar na talmhainn. Nì tonn-fhadan a tha nas giorra na 380 nm cròn air structar nam moileciuilean organach, ged a shùigheas an t-uisge – an eileamaid as cumanta air an t-shaoghal - an fheadhainn a tha nas fhaide na 720 nm3.[3]

Eadar-obrachadh an t-Solais

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Skoog, Douglas A.; Holler, F. James; Nieman, Timothy A.. «Introducción a los métodos espectrométricos». A: Principios de Análisis instrumental, Madrid: McGraw-Hill, 2001. ISBN 84-481-2775-7.
  2. Ilmatieteen Laitos
  3. Einstein, A. 1905. Zur Elektrodynamik bewegter Körper. Annalen der Physik. (Berne) IV. Folge. 17: 891-921