Slugan carraig

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Sluganan carraig faisg air Dùn Barra
Slugan carraig faisg air San Diego

'S e raon fàs-bheatha sònraichte a tha ann an slugan carraig a tha suidhichte anns an t-seal-mara air cladaichean carrach. Thèid an lìonadh le sàl aig làn àrd, agus tha iad nan gluman sgaraichte ma bhios an tràigh aig ìosal. Tha iad sònraichte air sgàth 's nach bi uisge ùr a' tighinn annta gu cunbhalach.

Tha dà sheòrsa ann. Tha feadhainn ann a tha suidhichte air àite air cladach far am faigh iad uisge ùr gach turas ma bhios an làn àrd. Feumaidh comas a bhith aig na beathaichean a bhith a' strì an aghaidh sruth nan tonnan. Aig amannan eile nuair a bhios am muir air falbh, tha iad nan laighe fon ghrian theth no fo ghaoth làidir.

Tha feadhainn eile ann a tha suidhichte nas àirde air an tràigh, gheibh iad uisge ùr a-mhàin bho bhoc-thuinn is uisge nan neul neo ma bhios stoirm ann. Tha buaidh orra cuideachd bhon ghrian no gaoith. Mar sin bidh meud dhen t-salainn ag atharrachadh gu tric, uaireannan fàsaidh iad tioram, mar sin feumaidh comas a bhith aig na beathaichean airson a gabhail ris na suidheachaidhean eadar-dhealaichte.

Gu tric bidh partan is cìoch nam ban marbha a' fuireach annta. Tha dòigh-beatha anns na sluganan carraig inntinneach do bhith-eòlaichean.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: