Slighe Fhrangach
’S e an t-Slighe Fhrangach (Spàinnis: Camino Francés, Beurla: French Way) an t-slighe as gnàthaichte de na slighean ris a theirear “Slighe Naoimh Sheumais”, seann rathaidean turasachd gu Santiago de Compostela ann an Galicia na Spàinne.
Tha an t-Slighe Fhrangach a’ tòiseachadh sa bhaile Saint-Jean-Pied-de-Port air taobh na Frainge de na Beanntan Pirineach agus a’ dol a-null tarsainn gu Roncesvalles air taobh na Spàinne. Às dèidh sin tha i a’ cumail oirre 780 cilemeatair a bharrachd gu ruige Santiago de Compostela, a’ leantainn tro na bailtean mòra Pamplona, Logroño, Burgos agus León. Feumadh i mu cheithir seachdainean co-dhiù de choiseachd, le lath no dhà saor ri linn an t-siubhail. Tha cuid ga marcachd air rothar. Tha na slighean bho thrì bailtean mòra sa Fhraing, Tours, Vézelay agus Le Puy-en-Velay a’ tighinn còmhla aig Saint-Jean-Pied-de-Port, far a bheil iad a’ sruthadh a-steach anns an t-Slighe Fhrangach.
Tha a’ cheathramh slighe ann, a thòisicheas ann an Arles ann am Provence, ach tha i seo a’ dol thairis na crìche eadar an Fhraing agus an Spàinn ann an àite eile, eadar na bailtean Somport agus Canfranc anns na Beantan Pirineacha. Tha an t-slighe seo a’ leantainn na Slighe Aragonaich, a tha a’ coinneachadh ris a’ phrìomh Shlighe ann am Puente la Reina, deas air Pamplona ann an Navarre, aig astar mu sheachd ceud cilemeatair bho Shantiago de Compostela.