Seumas V Alba
Bha Seumas V na Rìgh na h-Alba eadar 1513, nuair nach robh e ach aon bliadhna a dh'aois is chaochail athair sa' Bhlàr Flodden, is 1542. Rìoghail tànaistearan an àite Sheumais gu ruige 1528. Chuir e am Pròstanach Patrick Hamilton gu bàs ann an 1528. Phòs e Madeleine de Valois, nighean Rìgh na Frainge, ann an 1537 ach chaochail i as dèidh sia mìosan, is phòs e Marie de Guise ann an 1538. Lunn Eanraig VIII air Alba ann an 1542 is chaill Alba am Blàr Solway Moss. Chaochail Seumas ann an Lùchairt Falkland san Dùbhlachd 1542.[1]
Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Tha cuid a' cumail a-mach gur e athair Sheumais, Seumas IV an rìgh mu dheireadh na h-Albann a bha fileanta sa Ghàidhlig. Tha fios againn gun robh Gàidhlig aige bho fhianais Pedro Ayala, an tosgair Spàinnteach - uime sin, ’s e Seumas am fear mu dheireadh air a bheil cinnt againne, ged a tha cuid eile ag ràdh gun do bhruidhinn Seumas V i.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “BBC - Scotland's History - James V, King of Scots”. BBC. Air a thogail 18mh dhen Chèitean 2018.