Seonag NicLeòid
Coltas
| Seonag NicLeòid | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Diùrinis, 26 dhen t-Sultain 1920 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | 19 dhen Iuchar 2004 |
| Foghlam | |
| Foghlam | Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann |
| Cànain |
Gàidhlig Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | seinneadair agus altram |
| Fastaichean |
Ospadal Hoimeopaiteach Ghlaschu An t-Ospadal Coitcheann a Deas |
| Inneal-ciùil | guth |
'S e seinneadair a bh' ann an Seonag NicLeòid (1920-2004). Rugadh agus thogadh Seonag ann an Còrnal, Ròdhag, anns an Eilean Sgitheanach, ann an teaghlach far an robh ceòl daonnan ann: bha a h-athair, Calum Caimbeul, na phìobaire, agus a rèir choltais bha guth brèagha aig a màthair. Fhuair i foghlam ann am Bun-sgoil Bhatain agus anns an Àrd-sgoil Phort Rìgh. An dèidh sin, rinn i a trèanadh anns an Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann mar bhanaltram. Fhuair i obair mar bhanaltram ann an Glaschu, ach bha i fhathast a’ seinn, còmhla ri Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu ’s leatha fhèin, agus choisinn i am Bonn Òir ann an 1957.