Searbhag dhuilleagach

O Uicipeid
Searbhag dhuilleagach

’S e fear de na beòthamanan B a tha ann an searbhag dhuilleagach (Beurla: folic acid no pteroyl-L-glutamic acid). Tha bodhag an duine feumach oirre, ach chan eil i fhìn comasach air a dèanamh agus tha i ga faighinn bhon bhiadh. Tha searbhag dhuilleagach r’a faighinn gu h-àraid ann an glasraich le duilleagan glasa dorcha, agus gu dearbha is e sin is adhbhar gu bheil an t-ainm ”searbhag dhuilleagach” oirre.

Tha móran bhoireannach nach eil a’ faighinn gu leòr dhith nuair a tha iad an dùil ri leanabh, agus faodaidh sin uireasbhaidhean breithe adhbhrachadh. Air sgàth sin, tha móran eòlaichean a’ moladh gun téid searbhag dhuilleagach a chur ris a’ mhin-flùr a théid a chleachdadh airson aran a dhèanamh.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]