Santa Rosa de Viterbo
Santa Rosa de Viterbo
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Boyacá | ||||
Àirde | 2753m | ||||
Co-chomharran | 5° 53' Tuath 72° 59' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 107 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 13,249 (2005) | ||||
Dlùths | 123.82/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a' Bhaile |
'Se baile beag ann am Boyacá a th' ann Santa Rosa de Viterbo.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Fhuair am baile an t-ainm aige ann an 1690 nuair chaidh am parraiste a chuir air bhog, mar chuimhne air an Naomh Ròs[1] à Viterbo,[2] baile meadhanach ann am Lazio, An Eadailt. tha an t-ainm sin eadar-dhealaichte bhon a' mhòr-chuid dhe na h-ainmean-àitean ann am Boyacá, leis nach e ainm Tùsanach a th'ann.[3]
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a tha 13,249 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 6,263 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Santa Rosa de Viterbo, agus tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 90.4% dhe na daoine ann an Santa Rosa de Viterbo leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 31.5% dhe na dachannan.[6]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Santa Rosa de Viterbo. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Rafael Reyes: (1849 - 1921). Ceann-suidhe na dùthcha 1904 - 1910.
Clímaco Calderón: (1852 - 1913). Ceann-suidhe na dùthcha fad 24 uairean ann an 1882.