Salm 31

O Uicipeid

‘San t-salm seo tha gearain ann, mar gum biodh bho aona neach, an aghaidh nàimhdean gun tròcair. Tha nàdar fulang an duine cho cumanta agus gum faodar coimhead air an t-salm mar gum biodh sinn ga chluinntinn bho iomadh ghuth, bho iomadh creideamh tro na linntean agus tha e soilleir gun deach a chruthachadh le iomadh ùghdar.

Asadsa, Dhè, nì mise bun

Tro bhith ag abairt nam facail seo, tha e soilleir gu bheil an t-salmadair air a chòmhdach fhèin ann an gràis Dhè. ‘S ann mar seo is urrainn dha iarrtas a dhèanamh airson suaimhneas, saoradh agus creideas gun cùm Dia sàbhailte è. Aig àm an fhulangas, chleach Ìosa Crìosda fhèin nam facail-sa agus e air a’ chrois, a’ fàgail an t-salm coisrigte agus ainmeil.

Tha na ciad rannan a’ bruidhinn mun tròcair a rinn Dia ‘san t-àm a dh’fhalbh ach na mheadhan, tha sinn a’ cluinntinn:

O tha mi, Dhè, an trioblaid mhòir, dèan tròcair orm gu cas

An seo, tha an t-iarrtas airson taic a’ fàs nas gèire. An-dèidh rannan a bha a’ dèiligeadh ris na thachair gu h-eachdraidheil, tha na facail seo a’ cuir air adhart am feum a th’ air cumhachd agus maitheas Dhè ‘san t-àm a th’ ann. Tha ceangail aig na rannan seo ris na thachair ri Ieremiah. Tha an t-salmadair air fàs gu bhith na adhbhar càinidh agus eagal am-measg a chàirdean. Chaidh a chuir a-mach às a’ choimhearsnachd agus chaidh dìochuimhneachadh mu dheidhinn, is è air fhàgail na dhuine briste. Anns an t-suidheachadh cianal-sa, chan eil aige mar charaid ach Dia, agus chan eil dòchas aige ach è fhèin a thoirt seachad do thròcair Dhè.

Cia meud do mhaith a thaisg thu dhaibh

An seo, am-measg nan rannan a tha a’ tighinn gu crìoch an t-salm, chì sinn còmhradh agus cuimhneachadh air mathanas a chaidh a shealltainn, agus creideas gum mair tròcair Dhè anns an t-àm ri teachd. Tha an t-salmadair ag adhradh agus a’ moladh an Tighearna. Tha an earbsa a th’ aige ann an Dia a’ toirt air a h-uile oidhirp facal Dhè a bhrosnachadh am-measg an t-sluaigh agus a bhith misneachail.