Sailm

O Uicipeid
Sòbharan à Sasainn le às-aithris de Salm 118.

Tha Sailm (Eabhra: תְהִלִּים Th'hilliym) na leabhar san t-Seann Tiomnadh agus an Tanach.

Bhathar a' creidsinn gun do sgrìobh an Rìgh Daibhidh 73 de na 150 sailm anns a' Bhìoball. Chan eil sgoilearan an latha an-diugh dhen aona bheachd.

Eadar-theangachadh gu Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Air sgàth 's gun robhar a' creidsinn gun do sgrìobh an Rìgh Daibhidh na sailme, b' e tiotal air na ciad eadar-theangachaidhean 'Sailm Dhaibhidh'.

Liosta de leabharaichean Sailm[deasaich | deasaich an tùs]

  • 1715. Sailm Dhaibhidh. (Do chuireadh so a ngclò a Ndùn-Edin: Le oighreachaibh Aìndra Ainderson, a mbliadhna ar Dtighearna 1715).
  • Tiotal slàn: A meadar dhàna gaoidheilg, do rèir na heabhra: agus na translàsioin is fearr a mbéarla agus nlaidin, do thionnsgnadh le Seanadh Earraghaoidheal san bhliadhna 1659, agus anois air a ntabhairt gu crich, do chum gu dèanta an seinm a Neaglaisaibh agus a dteagh lachaibh a ghnáthuigheas an chánamhain sin. Leabhar-d aig NLS.