Sailead Jell-o
’S e seòrsa bìdh a tha ann an sailead Jell-o. 'S e a th' ann ach dealatain blasaichte le measan agus glasraich (curranan sa bhitheantas). Bidh càise, mayonnaise, cnap-lusan, cnòthan no feòil ann air uaireannan. ’S ann às Na Stàitean Aonaichte a tha e. Bha e cumanta anns na 1960an.
’S e seòrsa aspic ùr a th’ ann an sailead Jell-o. Dh’ fhàs e cumanta nuair a bhuannaich Mrs John E. Cook à Pennsylvania farpais reasabaidh Better Homes and Gardens le Perfection Salad. Thòisich na daoine a bhith ga ithe gu mòr ri linn an Dàrna Cogaidh. Bha cuibhrinneachadh bìdh ann agus chleachd mòran dhaoine e. Bha am biadh seo saor ach breagha airson teatha no partaidh.
Bha e na bu chumanta às dèidh a’ chogaidh air dà adhbhar. B’ e a chiad adhbhar nach robh tìde gu leòr airson còcaireachd aig boireannaich oir bha iad ag obair cuideachd. B’ e an dàrna adhbhar gun robh dùil gum biodh boireannaich a’ còcaireachd gun a' bhith a' ceannach "biadh ullamh". ’S e biadh furasta agus luath a bh’ ann an sailead Jell-o airson suipear.
Cleachdaidh sailead Jell-o sreathan de dhathan eadar-dhealaichte airson a bhith a’ cruthachadh biadh brèagha agus dathach. Bha sailead Jell-o a' taisbeanadh an dà chuid comasan cruthachaidh a’ chòcaire, agus an àlainneachd a' bhìdh ùr-nòsach bho na companaidhean.
Chan eil sailead Jell-o glè chumanta a-nis ach ithidh na Canèidianaich agus na h-Ameireaganaich e fhathast aig potluck agus saor-làithean. ’S e biadh traidiseanta a th’ ann an sailead Jell-o air Cold Plate anns An Talamh Ùr.