SS Great Britain
Chuireadh an SS Great Britain air bhog aig Bristol ann an 1845. B’ ise an dàra tè de na trì luing mhòir a dhealbh an t-innleadair ainmeil Isambard Kingdom Brunel. B’ innte a chiad long-chuain a chaidh air togail le slige iarainn agus a chiad long-chuain a bhi iomanaichte le bidhis, ged ’s a bha làn seòil orra cuideachd.
Tha a slige 274 troighean anns an fhàd 'us bha i uidheamaichte le innealan fiarachd a dhealbh Brunel fhèin. Aig an àm cha ghabhadh e dhèanamh a thogail inneal-stoith le comas a thionndaich luath gu leòr a dh’ioman bidhis-uisge gu dìreach, airson an aobhar sin, dh’iomain na h-innlean fearsaid na bidhis tro bheart de rothan-fhiacalachd le riochd-bheairt 1:3. (1 car a-staigh: 3 car a-mach). Bha i grunnan bliadhna air an triall ri Astràilia agus nuair a bha a latha seachad anns a’ mhalairt siud, chaidh a chleachdadh mar slige gual aig Port Stanley anns na h-Eileanan Mailbheana. Mu dheireadh chaidh i air tìr an siud, far an do laighe i air a’ chladach gu 1976, nuair a chaidh a toirt dhachaidh ri Bristol. Chaidh a ath-uidheamachadh a bhi na long-taisbeanaidh, mar a tha i chun latha an diugh (2008).
Seòlaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- Fad: 322 ft (98.15 m)
- Leud: 50 ft 6 in (15.39 m)
- Àird (Druim gu Priomh-Uachdar): 32 ft 6 in (9.91 m)
- Cuideam: 1,930 tunna Breatuinneach (2,161 gearr thunna, 1,961 tunna metreachd)
- Meud-Steallaidh: 3,018 tunna fada (3,380 gearr thunna, 3,066 tunna metreachd)
Inneal
[deasaich | deasaich an tùs]- Cumhachd Clàraichte: 1,000 Eich
- Cuideam Iomlan: 340 tons
- Eagar: 4 Siolandairean fiarach, an cruth "V" bun os ceann.
- Siolandairean: 88 (220 cm) tarsuinn x 72 oirlich (180 cm) sguib
- Car per mionaid: (Macs) 20 CPM
- Meud Crom-fhearsaid: Fad: 17 troighean (5.18 m) agus tarsuinnead 28 oirlich (71 cm)
Bidhis-Uisge
[deasaich | deasaich an tùs]- Tarsuinnead: 15'6"
- Cuideam: 77 cwts (3,912 kg)
- Luaths sniomhaidh: 55 CPM
Dàta eile
[deasaich | deasaich an tùs]- Sgioba
- Caile Chonnaidh: 1,100 tunna guail
- Caile Uisge: 200 tunna
- Caile Bathair: 1,200 tunna
- Cosgais a thogail: £117,295