An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tomás Carrasquilla"
→Beatha
No edit summary |
(→Beatha) |
||
==Beatha==
B' e duine macanta bochd a bh' ann: na thàillear, na rùnaire san [[taigh-cùirte]], na fhear-stoc ann am mèinn agus na chlèireach ann am Ministrealachd na h-Obrach Phoblach. A dh'aindeoin sin, leughadh e fad an t-siubhail agus b' e deagh ùghdar inntinneach a bh' ann cuideachd, a thug buaidh mhòr air a' ghinealach a lean e.<ref>Barrera Sánchez, Luis Carlos (1986-1992). Suplementos acerca de la vida y obra de Tomás Carrasquilla. Santo Domingo: Periódico Vanguardia Dominicana</ref> Cha robh Carrasquilla idir ainmeil nuair a bha e fhathast beò, mar a thuirt Federico de Onís, a tha na eòlaiche Carrasquilla. B' fheudar dha feitheamh gu ruige [[1936]], nuair a bha e 68 ans, mus an do bhuannaich e an Duais Nàiseanta ann an Litreachas. Thug ainm dhan Leabharlann Tomás Carrasquilla.
Thug [[Cogadh na Mìle Làithean]] bacadh air a chuid fhoghlaim san [[Oilthigh Antioquia]]. B' e intellectuel engagé a bh' ann an Carrasquilla agus chuireadh e air dòigh ''Tertulias'' (cruinneachaidhean far a bhruidhinneadh mu leabhraichean) san [[taigh]] aige ann am Medellín. Ghabhadh mòran inntleachdach òg pàirt annta agus fiù's chanadh ''Maighstir Tomás Carrasquilla'' ris. Bha am feallsanaiche [[Fernando González (ùghdair)|Fernando González Ochoa]] uabhasach deidheil air Carrasquilla.
|