An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Wolfgang Amadeus Mozart"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 95: Loidhne 95:
* ''Die Zauberflöte'' (An duiseal-dhraoidheachd)
* ''Die Zauberflöte'' (An duiseal-dhraoidheachd)
* ''La clemenza di Tito''
* ''La clemenza di Tito''

== Ceanglaichean a-mach ==
{{Commons|Wolfgang Amadeus Mozart}}


{{DEFAULTSORT: Mozart, Wolfgang Amadeus }}
{{DEFAULTSORT: Mozart, Wolfgang Amadeus }}

Mùthadh on 23:50, 22 dhen Fhaoilleach 2015

Wolfgang Amadeus Mozart

Ceòladair

Ceann-Là Bhreithe 27 am Faoilleach 1756
Àite Bhreithe Salzburg (An Ostair)
Ceann-Là a Bhàis 5 an Dùbhlachd 1791
Àite a Bhàis Wien (An Ostair)
Bean/Fear-Chèile Maria Constanze Weber
Meadhan Snìomhadair Ciùil
Stoidhle Ceòl clasaigeach
Creideamh Caitligeach
Làrach-lìn http://www.mozarteum.at/
Mozart

B' e Wolfgang Amadeus Mozart (27 am Faoilleach 17565 an Dùbhlachd 1791) cumadair-ciùil air feadh àm clasaigeach, às an Ostair. Sgrìobh e nas motha na 600 obraichean agus tha fèill mhòr air an obair aige fhathast. Bha e na phòsta agus bha dà mhac a mhairinn aige. Chaochail e nuair a bha e 35 bliadhna a dh'aois agus tha miotas air a bhàs an-diugh. Tha ceòl aig Mozart gu math ainmeil agus buadhmhor.

Beath-eachdraidh

Bliadhnaichean tràth

Rugadh Mozart aig Getreidegasse 9, Salzburg ann an dùthaich an Ostair an t-ainm a th' air na làithean seo. B' e Leopold agus Anna Maria Perti Mozart a phàrantan. Bha piuthar as aosda aige, Maria Anna (1751-1829), Nannerl a far-ainm aice. Bha baisteadh aig Mozart ann an Cathair-eaglais Naomh Rupert an là as dèidh a bhreith. Bha Johannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart an t-ainm làn a bh' air.

Bha a h-athair à Ausberg. B' e Kappellmeister (maighstir-ciùil) ann an orcastra-cuirt a bh' ann airson an Àrd-easbaig Salzburg. B' e cumadair-ciùil beag agus tidsear a bh' ann cuideachd.

Thòisich a phiuthar am piàno a dh'ionnsachadh nuair a bha i 7 agus bha Mozart 3 bliadhna a dh'aois. Choimhead Mozart air na leasanan. Thuirt a phiuthar:

Gu tric, chuir e seachad mòran àm aig an clabhier, a' cluich treasan [...] agus bha tlachd air aig am fuaim [...] Anns a' bhliadhna ceathramh a dh'aois aige thòisich a h-athair, mar geama, a theagaisg beagan minuet agus pìosan eile aig an clabhier [...] 's urrainn dha cluich gun mhearachd agus le mhaothalachd mòr, agus a' cumail àm gu buin. [...] Aig 5 bliadhna a dh'aois bha e a' sgrìobhadh pìosan beaga mu thràth agus sgrìobh a h-athair iad sìos.

Tha na pìosan sin ann an Nannerl Notenbuch (leabhar-nòta aig Nannerl).

Nuair a bha eòlach aig a h-athair air comas a mhic, chuir e fhèin crìoch air sgrìobhadh ceòl. Bha Leopold an aon thidsear aig Mozart. Theagaisg e ceòl, cànain, agus cuspairean sgoilearach eile ris a chlann.

Mozart na leanabh

Na h-Oparan

  • Die Schuldigkeit des ersten Gebots (Dleastanas na ciad àithne)
  • Apollo et Hyacinthus
  • Bastien und Bastienne
  • La finta semplice
  • Mitridate, re di Ponto
  • Ascanio in Alba
  • Il sogno di Scipione
  • Lucio Silla
  • La finta giardiniera (dà atharrachadh)
  • Il re pastore
  • Zaide
  • Idomeneo (dà atharrachadh)
  • Die Entführung aus dem Serail
  • L'oca del Cairo
  • Lo sposo deluso
  • Der Schauspieldirektor (Stiùiriche an taigh-cluich)
  • Le nozze di Figaro
  • Don Giovanni (dà atharrachadh)
  • Così fan tutte
  • Die Zauberflöte (An duiseal-dhraoidheachd)
  • La clemenza di Tito

Ceanglaichean a-mach

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: