Roth basaichte

O Uicipeid

Is e a tha ann an roth basaichte, roth de cruth coltach ri roth fiodha anns am bi cìoch aig meadhan na cuibhle agus basan (maidean ann an eagar gathach) le na cinn a-stigh air an leigeil a-steach ris a' chìoch agus na cinn a-muigh air an leigeil a-steach ri cuairsgeanan an rotha. Is e a tha anns na cuairsgeanan, àlach de boghan fiodh a tha dèanamh cearcall agus a tha air an cumail teannaichte ri chèile leis a bachall iaruinn a tha na riomb don chuibhle.

Tha cuid carbadan rathad-iarainn uidheamaichte le rothan basaichte, ged a tha na cuibhlichean seo cruthaichte as stàilinn tilgte. Tha cìoch, basan agus cearcall na cuibhle anns a h-aon mir.