An Ròimh
Comune di Roma An Ròimh
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eadailt | ||||
Ceàrn | Lazio | ||||
Co-chomharran | 41° 54′ 0″ Tuath 12° 30′ 0″ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,285 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 2,877,215 (2016) | ||||
Dlùths | 2,239.08/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle Cathair An Ròimh (Eadailtis) |
'S e An Ròimh prìomh bhaile na h-Eadailt agus an roinn Lazio. Tha am baile suidhichte ri taobh na h-aibhne Tiber agus tha mu 4.1 millean neach a' fuireach ann. Tha Cathair na Bhatacain, an Vatican City anns a Bheurla, suidhichte anns an iar-thuath. Chaochail Enrique Olaya Herrera an seo ann an 1934. A rèir beul-aithris, chaidh an Ròimh a stèidheachadh air an 21mh den Giblean anns a' bhliadhna 753 RC leis an dithis bhràthair: Romulus agus Remus. Mharbh Romulus a bhràthair agus mar sin chaidh am baile ainmeachadh às a dhèidh agus b' esan a' chiad Rìgh na Ròimhe. Bha an Ròimh air a thogail air 'Cnoc a' Ghrian', a chaidh ath-ainmicheadh 'Palatine', agus dh'fhàs e gus an leudaich e tarsainn air seachd cnuic :
- Palatine
- Aventine
- Capitoline
- Quirinal
- Viminal
- Esquiline
- Caelian
Bha an Ròimh 'na phrìomh-bhaile aig Rìoghachd an Ròimh, Poblachd an Ròimh, Impireachd an Ròimh, na Stàitean Pàpach agus an Rìoghachd Eadailteach mus tàinig e gu bhith, anns an latha an-diugh, 'na phrìomh-bhaile aig Poblachd na h-Eadailte .
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e prìomh-bhaile Stàitean na h-Eaglaise a bh' ann bho 754 gu ruige 1870.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Gaius Iulius Caesar (100 RC - 44 RC). Saighdear agus Deachdaire.
- Iohannes Gundus (820 - 882). Pàp bho 872 gu ruige 882.
- Giovanni Battista Castagna (1521 - 1590), Pàp fad greis ann an 1590.
- Camillo Borghese (1550 - 1621). Pàp bho 1605 gu ruige 1621.
- Giovanni Battista Pamphilj (neo Pamphili) (1574 - 1655). Pàp bho 1644 gu ruige 1655.
- Emilio Bonaventura Altieri (1590 - 1676). Pàp bho 1670 gu ruige 1676.
- Eugenio Maria Giuseppe Giovanni Pacelli (1876 - 1958). Pàp bho 1938 gu ruige 1958.
- Franco Modigliani (1918 - 2003. Eaconamaiche.
- Juan Carlos Alfonso Víctor María de Borbón y Borbón-Dos Sicilias (1938). Rìgh na Spàinne bho 1975 gu ruige 2014.
- Francesco Totti (1976). Cluicheadair Ball-coise.
- Veronica Scopelliti (1982). Seinneadair.
Aistean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Foghlam
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- ItalyGuides.it: An Roimh, An Eadailt
- Rome Travel Guide Fiosrachadh airson luchd-turais