Roimhear
Coltas
Tha “Roimhear” (Beurla preposition) na mhion-fhacal a chuirear ro ainmear no riochdair agus a sheallas an ceangal eadar an t-ainmear no an riochdair agus facal eile mar "air", "le" 7 "ri". Tha “le” na roimhear anns na rosg-rannan a leanas:
- ”Bhuail mi a’ chlach le òrd”
- ”Am b' fheàrr le Màiri tì?”
- ”Tha an taigh seo le Seumas”
Anns a' Ghàidhlig, gheibhear an tuiseal a dh'fheumas ainmear as dèidh roimheir an seo cuideachd m.e. ginideach, tabhartach.