Riyadh
Riyadh
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Saud-Aràibia | ||||
Ceàrn | Riyadh Province | ||||
Co-chomharran | 24° 42' 42" Tuath 46° 43' 27" Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,200 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 4,700,000 (2007) | ||||
Dlùths | 3,916.67/km² | ||||
Àireamh fòn | +966-1 | ||||
Duilleag oifigeil | www.arriyadh.com |
'S e prìomh-bhaile Saud-Aràibia a tha ann an Riyadh (Arabais:الرياض Ar-Riyāḍ). 'S e am baile as motha na dùthcha cuideachd. Tha e suidhichte air àrd-thìr ann am meadhan an leth-eilean Arabaich.
Thàinig an t-ainm Riyadh bhon fhacal Arabais rawdha, tha sin a’ ciallachadh gàradh, gu h-araidh na gàraidhean a tha a’ nochdadh ma bhios an t-uisge ann anns an fhàsach. Bha àiteachas gu leòr ann timcheall air Riyadh airson 1500 bliadhna, air sgath’s gun robh an talamh glè mhath. .[1]
An-diugh ‘s e teas meadhan malairteach na dùthcha a tha ann an Riyadh. Ged a tha an seann baile anns an stòidhle traidiseanta, tha mòran sgìrean anns an stòidhle ùr, le togalaichean àrda.
Àitichean inntinneach
[deasaich | deasaich an tùs]- Burj Al Mamlakah
Kingdom Tower (Arabic: برج المملكة) ‘S e an togalach as àirde air feadh Saudi Arabia .[2]
- Riyadh TV Tower
Tùr airson na meadhanan agus telebhisean. Chaidh an tùr a thogail eadar 1978 agus 1981
- Al Masmak Castle
Chaidh a’ chaisteal a thogail ann an 1865 .
- Old Riyadh
Tha Old Riyadh a’ gabhail a-steach na sgìrean Diriyah, King Abdulaziz district agus Wadi Laban. Tha am pàirt den bhaile seo anns an stòidhle traidiseanta.
- King Fahd Road
'S e an rathad as beartaiche a th’ ann an Riyadh. Tha mòran ionadan eadar-nàiseanta agus companaidhean mhalairteach ann.
Seo feadhainn de na h-àiteachan ainmeil eile a tha air an King Fahd Road, m. e.:
- Kingdom Centre,
- Ionad Al Faisaliyah, (Arabais: برج الفيصلية) B’ e sin a’ chiad skyscraper a chaidh a thogail ann an Saud-Aràibia
- Al Anoud Tower
- Ministry of Interior building, a tha ainmeil airson an stòidhle ùr aige
- Burj Al Anoud, Ionad malairteach
- Oilthighean
Tha mòran oilthighean (nàiseanta agus prìobhaideach) ann an Riyadh, m.e.:
- Oilthigh King Saud
- Oilthigh Imam Muhammad bin Saud
- Oilthigh Prince Sultan
- Oilthigh fosgailte Arabaineach
- Oilthigh Al-Faisal
- King Saud bin Abdulaziz
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Riyadh City, Duilleag oifigeil le eachdraidh, naidheachdan agus dealbhan
- Saudi Arabian Information Resource, Duilleag oifigeil le eachdraidh agus dealbhan
Iomradh
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Al-Juhany, U.M., Najd before the Salafi Reform Movement, Ithaca Press, 2002, ISBN 0-86372-401-9.
- ↑ Kingdom Tower - [1]