Rhondda Cynon Taf
'S e aon de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann an Rhondda Cynon Taf [ˈr̥ɔnða ˈkənɔn ˈtaːv], ainm goirid RCT. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha agus tha e cho mòr ri 424km². [1] Ann an 2012 bha 235.599 [1] duine a' fuireach ann.
Tha e suidhichte ann an trì glinn, Rhondda Valley, Cynon Valley is Taff-Ely Valley. 'S iad Aberdâr is Pontypridd na bailtean as motha ann an Rhondda Cynon Taf.
Gnìomhachas
[deasaich | deasaich an tùs]Le barrachd air 60 mèinnean bha mèinnearachd gu math làidir Rhondda Cynon Taf anns an 19mh linn. Ged a dhùineadh na mèinnean fo thalamh gu ìre mhòr thòisich mèinneadh fosgailte an dèidh sin: Tha mèinnean fosgailte fhathast rim faicinn gu h-àraidh san àirde a tuath na sgìre. Bha buaidh mhòr aca air an àrainneachd, bha na h-aibhnichean cha mhòr cho truaillte gun do bhàsaich an t-iasg annta gu lèir. Bha buaidh bho ghnìomhachas ceimigeach a bha stèidhichte ann an Groes-faen. [2]
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Seo cuid de na bailtean ann an Rhondda Cynon Taf:
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Mèinnearachd
-
Sealladh bho Chraig y Bwlch
-
Mèinnearachd ann an Llwynypia anns na 1910an
-
Sealladh thairis air Rhondda
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Àireamh-shluaigh, àrainneachd is dlùths nan ùghdarrasan ionadail anns a' Chuimrigh 30. 6. 2012 (Faidhle ZIP; 832 kB)
- ↑ John Hughes; Pat Thomas (2007). "Burying The Truth". The Ecologist 37 (4): 33–63.
Abertawe • Blaenau Gwent • Bro Morgannwg • Caerffili • Casnewydd • Castell-nedd Port Talbot • Caerdydd • Ceredigion • Conwy • Gwynedd • Merthyr Tudful • Pen-y-bont ar Ogwr • Powys • Rhondda Cynon Taf • Sir Benfro • Sir Ddinbych • Sir Fynwy • Sir Gaerfyrddin • Sir y Fflint • Torfaen • Wrecsam • Ynys Môn