Jump to content

Rathad-iarainn

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Rathad iarainn)
Rathad-iarainn

Is e siostam-ghiùlain a tha anns an rathad-iarainn neo rathad nan gad a tha stèidhichte air rathad sònraichte a bhitheas a' breith agus a' steòrnadh carbadan a tha uidheamaichte dha.

Inntrigeadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Is e cruth an rathaid, dà ghad iarainn, co-shìnte agus teannaichte sìos air bunachar freagarrach.

Bithidh na carbadan rathad-iarainn uidheamaichte le cuibhlichean "bilte". Tionndaidh dà chuibhle air aiseal cumanta, Tha barr nan riomb leatha agus rèidh agus bithidh bile mun chuairt gach cuibhle air a slios a-staigh.

Mar sin faodaidh do na carbadan a ruith air bàrr an rathaid gun a bhith tuiteam dheth.

Aig a' charr as simplidh chan eil dith ach air rathad singilte goirid agus carbad a-mhàin. Bha cuid de na h-ionadan-bhradain air an Abhainn Tatha a' cleachdadh rathadan-iarainn mar seo eisg a ghiùlain suas dhan rathad-dubh eadar Peairt is Dùn Deagh sìos ris na 1990an.

Chaidh turachadh air rathaidean nan gad ann an Sasuinn mun bhliadhna 1604. Is ann as fiodh a rinneadh na gadan do na rathadaibh nan gad bu tràithe agus b' e cumhachd eich a tharruinn na uaganain a chaidh orra. Chaidh toiseach air cleachdadh gadan iarainn bho meadhan an 18mh linn, agus bho toiseach an 19mh linn chuireadh carbadan-smùide an gnìomh. Ré na 1820'n rinn Nicholas Wood an rannsachadh a dhearbh bun-saidheans an rathaid-iarainn, agus an luib sin, eadar 1825 agus 1840, chaidh leasachadh ana-mhòr air an teicneolas. A roimhe 1850, leigeadh na cnàimhean de branndairean nàiseanta agus eadar-nàiseanta air feadh Eòrpa.

Tha an sgrìobhadh eachdraidheil bu sine mu rathad nan gad a' nochdadh ann an cùise laghail Sasunnach a chaidh air èisdeachd an 1604. B' e cnap na cùise gu robh fear seilbh mhèinne-guail air cuir "tylting rails" thairis air fearann (a bha an seilbh fear eile) eadar beul a mhèinn agus laimrig air Abhainn na Sebheirn ann an Siorramachd Nottinghaim.

Mun bhliadhna 1609 fhuair fear à Siorramachd Nottinghaim dom b' ainm Beaumont taic air mèinn-ghuail air Bruaiche na Tyne an Ear-thuath Shasainn, thug e leis iomadh innlean nach robh aithnichte ann an Ear-thuath Shasainn aig an àm - nam measg Snìomhairean Talmhainn agus coincheap rathad nan gad. Thug muinntir Ear-thuath Shasainn ri na h-innlean seo, bu sònraichte rathaidean nan gad agus chaidh leasachadh nan raointean-ghuail mu Caisteal Nuadh air Taidhne air adhart gu luatha. Thogadh ficheadan de rathaidean nan Gad eadar beul-meinnibh agus laimrigibh aibhne. Bha rathaidean nan gad, neo rathaidean-uagain mar a chaidh orra, cho dlùth cheangailte ri leasachadh na sgìre gun deach iad fo far-ainm "Newcastle Road" roimhe deireadh an 17mh linn.

Cha robh an cuid bu mhòr de na rathaidean-uagain seo nas fhada na ceithir neo còig cheud meatair agus gu robh iad a' claonadh gu ìre mhòr bho bheulmheinn chun laimrig, is ann mar sin a bhiodh carbadan làn nan ruithe "leis a' bhruaich" fo cumhachd tarruinn talmhainn agus chuireadh eich ri feum a tharruinn na carbadan aotrom air ais ris a' mhèinn.

Chaidh leasachadh air an teicneolas mean air mhean- bho meadhan an 18mh linn chuireadh cinn iarainn air na gadaibh fhiodh agus ro dheireadh an linn rinneadh gadan-ruithe as iarainn leaghta. Thàinig cuibhlichean iarainn a-steach as deidh 1750 agus ro deireadh an linn rinneadh an siud 's an seo bòrd-claoin fèin-obrachaidh.

Is ann an 1722 a chaidh togail air a' chiad rathad-uagain an Alba, eadar Tranent agus Cockenzie air Raon ghuail a Lodaidh, agus is ann an 1754 a chaidh fhosgail air a chiad rathad-uagain an Èirinn, eadar an slochd ghuail aig Drum Glas an Contae Tir Éoghainn agus canal leth-mhìle air falbh. Thuraich an t-inneal smùid róthadachd aig Seumas Bhatt ann an 1784, inneal stèidhichte a bha seo a chleachd smùid bho goilear fa-leth aig bruthaich gu math ìosal. Taobh a-steach deich bliadhna thoisich an Córnach Risteard Trevithick a thogail innealan “paisgte” air an robh an goilear na bunachar don inneal fhèin agus a chleachd “smùid làidir” aig bruthaicheas suas ri 40 punnd air an òirleach cheàrnag ( 2.5 ailean). Thog Trevethick inneal smùid fèin-ghluasad cho tràth ri 1801 agus ann an 1804 rinn e inneal a ruitheadh air gadan airson fear a sheilbh obraichean iarainn agus rathad trama aig Pen-y-Darren an Cymru a Deas. Dhearbh an inneal a thog Trevethick gum b' urrainn do inneal stotha a tharruinn cuid uagain na sguain, ach cha deach an cleachdadh an aite nan each a bha nan modh tarruinn àbhaisteach aig an am.

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]