Raibeart II, Rìgh na h-Alba

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Raibeart II, Rìgh Alba)
Jump to navigation Jump to search
Raibeart II, Rìgh na h-Alba
Robert II (Alba) i.JPG
monarc na h-Alba

22 dhen Ghearran 1371 - 19 dhen Ghiblean 1390
Daibhidh II, Rìgh Alba - Raibeart III, Rìgh Alba
Beatha
Breith Abaid Phàislig, 2 dhen Mhàrt 1316
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Bàs Caisteal Dhùn Dòmhnaill, 19 dhen Ghiblean 1390
Àite-adhlacaidh Abaid Sgàin
Teaghlach
Athair Walter Stewart, 6th High Steward of Scotland
Màthair Marjorie Bruce
Cèile Elizabeth Mure
Euphemia of Ross
Clann
Fine Taigh nan Stiùbhartach
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Seirbheis san arm
Strì Wars of Scottish Independence
Creideamh
Creideamh Crìosdaidheachd

B' e ogha Raibeart I a bh' ann an Raibeart Stiùbhart, rìgh Alba eadar 1371 is 1390. B' esan a' chiad monarc dhen teaghlach Stiùbhartach.

Thàinig an sloinneadh Stiùbhart bhon fhacal 'stiùbhard', a' ciallachadh 'fear a bhios a' cur rian air taigh an rìgh'. Bha sinnsearan Raibeart II ris an obair seo, ris an abradh 'àrd-stiùbhard na h-Alba', bho shean ann an Alba.

Òige[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Raibeart àrach air na h-oighreachdan Stiùbhartach ann am Bòid, Srath Chluaidh agus Rinn Friù.

Chaidh an t-urram 'àrd-stiùbhard na h-Alba' a bhuileachadh air (aois 10) ann an 1327 nuair a chaochail athair, Walter an Stiùbhard, a bha na sheirbhiseach dìleas do Raibeart I. Mun aon àm, air sgàth 's gur h-e ogha Raibeart I a bh' ann, chaidh Raibeart ainmeachadh le Pàrlamaid na h-Alba mar oighre dhan rìgh òg Daibhidh II (aois 2 aig an àm), nan caochladh esan gun sliochd.

Nuair a chaochail Raibeart I ann an 1329, ghabh Eideard III Shasainn brath air an t-suidheachadh agus thugadh ionnsaighean a-rithist air Alba leis na Sasannaich. Bha Raibeart an làthair, aois 17, aig cath mòr Halidon an 1333, a bha na chall mòr dha na h-Albannaich.