Pàislig
Pàislig
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Alba | ||||
Comhairle | Comhairle Siorrachd Rinn Friù | ||||
Siorrachd | Siorrachd Rinn Friù | ||||
Co-chomharran | 55° 50′ 48″ Tuath 4° 25′ 25″ Iar | ||||
Comharradh-clèithe | NS4762 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 29.8 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 76,834 (2011[1]) | ||||
Dlùths | 2,578.32/km² | ||||
Àireamh fòn | 0141 agus 01505 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.paisley.org.uk/ |
Tha Pàislig[2] (Beurla: Paisley) na bhaile ann an Siorrachd Rinn Friù, air Galldachd an iar na h-Alba. A dh'aindheoin an ainm, tha Port-adhair Eadar-nàiseanta Ghlaschu ann am Pàislig. Tha am baile anns an àite-cathaireach Ghlaschu, le meadhan a' bhaile Ghlaschu 6.9 mìltean (11.1 km) air falbh gu sear. Tha Pàislig na phrìomh-bhaile dha Siorrachd Rinn Friù.
Bhathar a' smaoineachadh aig aon àm gun robh làrach an dùin Ròmanach, Vanduara (no Vandogara), a bh' ann am Pàislig. Tha seo air sgàth 's gu bheil an t-ainm Breatannach air a' bhaile (Gwen-dwr, "Uisge geal") coltach ris an ainm Ròmanach air a shon. Thathar a' creidsinn gun robh ainm a' bhaile agus an abhainn (Abhainn a' Chairt Bhàin) an aon rud aig an àm seo. Tha an t-ainm a' tighinn on Greugais basilika.[3]
Anns an dàrna linn deug chaidh eaglais a stèidhichte agus dh'fhàs baile ma thimcheall. Am broinn linn, chaidh staid Abaid a choileanadh leis an eaglais. Dh'fhàs am baile ainmeil tron ochdamh is naoidheamh linntean deug air sgàth gnìomhachas clò, gu h-àraidh cotan leis a' phàtran shònraichte, Phàtran Phàislig.
Ged a tha e nas lugha na Glaschu, Dùn Èideann, Obar Dheathain no Dùn Deagh, 's e Pàislig an còigeamh baile as motha ann an Alba, anns a bheil tuilleadh daoine a' fuireach na Inbhir Nis no Sruighlea aig a bheil staid chathair-bhaile.
Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann am Pàislig sa bhliadhna 2013 agus a-rithist ann an 2023.[4]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Dòmhnall Ruadh Phàislig, bàrd Gàidhlig
- Fulton Mackay
- Gerard Butler
- John Byrne
- Kari Corbett
- Jim Dewar
- Joe Egan
- Graham Fulton
- Hector Nicol
- Robert Tannahill, bàrd Albannach
- Canon Kenyon Wright, diadhach agus neach-iomairt
- Mhairi Black, neach-poileataigs
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ “Paisley/Pàislig”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 12mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ James, Alan: “Brittonic Language in the Old North”. Scottish Place-Name Society. Air a thogail 23mh dhen Dùbhlachd 2018 (pdf).
- ↑ “Am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig air tòiseachadh”, Naidheachdan a' BhBC. 13mh dhen Dàmhair 2023. Air a thogail 15mh dhen Dàmhair 2023.